Iarrtas son prìs a' ghas a ghearradh sna h-Eileanan

  • 28 An t-Sultain 2017
Gas Image copyright PA
Image caption Tha na h-Eileanan an Iar am measg nan àiteachan as miosa ann am Breatainn a thaobh bochdainn-connaidh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Scottish Gas na prìsean aca a ghearradh.

Chuala Cathraiche Comataidh Leasachadh Maireannach Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil 58% de dhachannan nan Eilean Siar ann am bochdainn-connaidh.

Sgrìobh cathraiche na comataidh, Dòmhnall Crichton, gu Scottish Gas gus sin a thoirt gu aire na companaidh.

Thug Maighstir Crichton am follais mar a tha muinntir Steòrnabhaigh, a tha a' cleachdadh gas, glacte 's an aon chùmhnant leis nach eil roghainn aca ach Scottish Gas.

''Tha figearan airson bochdainn-connaidh anns na h-Eileanan nas àirde na àite sam bith eile anns an rìoghachd. Tha sinn airson na draghan sin, is na figearan sin, a chur sìos buileach glan.''

''Tha sinn air sgrìobhadh gu Scottish Gas mu dheidhinn suidheachadh Steòrnabhaigh, far a bheil prìsean airson gas air a dhol suas airson mòran anns a' bhaile.

''Bu chòir dèiligeadh ris an seo air sgàth an suidheachadh a th' againn an seo a thaobh bochdainn-connaidh.''

Soillearachadh a dhìth

Thèid aig daoine a tha a' fuireach ann an Steòrnabhagh 's a tha a' cleachdadh dealain air gluasad bho chompanaidh gu companaidh. Chan eil sin comasach do dhaoine aig a bheil gas, ge-tà.

''Tha sinn an dòchas nach eil Scottish Gas a' gabhail brath, agus ag àrdachadh nam prìsean aca'' thuirt Maighstir Crichton.

Dh' iarr e gum faigheadh muinntir nan Eilean tuilleadh soillearachaidh a thaobh nam prìsean aca.

Thuirt Maighstir Crichton gu bheil Comhairle nan Eilean Siar ag obair còmhla ris an riaghaltas gus barrachd cuideam a chur air companaidhean a bhith reusanta, gus nach bi iad a' gabhail brath.