Sgioba L&H an Cupa Football Times

  • 28 An t-Sultain 2017
Sgioba L&H
Image caption Sgioba L&H a' deasachadh.

Bidh sgioba ball-coise Leòdhais 's na Hearadh air ais air Tìr Mòr Disathairne agus iad a' cluich sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa Football Times.

Nan aghaidh bidh sgioba Golspie Sutherland.

Rinn iad a chùis air sgioba Eilginn fo aois 20 anns a' chuairt mu dheireadh 4-0.

Tha sgioba Leòdhais 's na Hearadh air a bhith an ìre mhath soirbheachail anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, is iad air Cupa Chailleanach a Chinn a Tuath agus Cupa Sheoc MhicAoidh a bhuannachadh.

Tòisichidh an geama aig 12.45f ann an Goillspidh.

Tha sguad Leòdhais is na Hearadh mar a leanas;

Seumas MacLeòid (Na Lochan)

Peadar MacCoinnich (Na Lochan)

Dòmhnall MacAoidh (Càrlabhagh)

Ali Laxay Dòmhnallach (Càrlabhagh)

Archie Dòmhnallach (Càrlabhagh)

Aonghas Grannd (Càrlabhagh)

Innes Iain Moireasdan (An Taobh Siar)

Gòrdan Caimbeul (An Taobh Siar)

Raibeart Shirkie (An Taobh Siar)

Alec John Moireasdan (An Taobh Siar)

Neil Moireasdan (Nis)

Mìcheal Mac a' Ghobhainn (Nis)

Jack Dunlop (Nis)

Elliot Ruddal (An Rubha)

Aonghas Dòmhnallach (An Rubha)

Stiùbhart Dòmhnallach (Am Bac)