Am Baile Ùr agus Lòbhat ag amas air an duais mhòir

  • 28 An t-Sultain 2017
Pàirc a' Bhucht

B' e an seinneadair Aimeireaganach Glen Caimbeul nach maireann a bhiodh a' seinn nam b'urrainn dha na ballachan bruidhinn, gur e sgeulachd shònraichte a bhiodh aca.

Chan eil fianais ann gun do bhruidhinn ballachan an stand aig Pàirc a' Bhucht a-riamh, ach abair seallaidean a chunnaic iad bho chaidh an stand a thogail bho chionn 80 bliadhna.

Disathairne, feuchaidh Baile Ùr an t-Slèibh is Lòbhat ri stòiridh ùr innse aig a' Bhucht is iad gus farpais 'son Chupa na Camanachd.

Ann an dòigh chan eil e na iongnadh gu bheil am Baile Ùr, a bhuannaich an 2016, is Lòbhat, a thog an cupa an 2015, a' coinneachadh sa chuairt dheireannaich.

Tha seusan measgaichte air a bhith aig an dà sgioba, ge-tà.

Chaill am Baile Ùr an grèim teann a bh' aca air a' Phrìomh Lìog bho 2010, is ged a bhuannaich iad Cupa MhicThàmhais, chaidh am pronnadh 7-4 le Caol Bhòid sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaigh.

Tha na h-uimhir de cheistean gan cuairteachadh a' dol a Phàirc a' Bhucht cuideachd.

Cha do chluich an sgiobair aca, Ruairidh Ceannadach, bho chaidh a ghoirteachadh bho chionn 6 seachdainean.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Baile Ùr an t-Slèibh airson grèim a chumail air Cupa na Camanachd.

Tha cluicheadair na bliadhna an-uiridh, Steaphan Dòmhnallach, air a chasg, is fear-dìon eile, Andaidh Mac an Tòisich, air laithean saora.

Nì sinn luchd-dìon à luchd-aghaidh, is luchd-aghaidh à luchd-dìon, arsa am manaidsear, PJ Mac an Tòisich.

Bidh e garbh inntinneach cò nochdas air a' phàirc dhan Bhaile Ùr Disathairne, is dè an cruth a bhios air an sgioba.

Chan e seo, gu follaiseach, am Baile Ùr a bha os cionn chàich ann an iomain anns na bliadhnaichean mu dheireadh, ach tha tàlant is eòlas gu leòr ann fhathast airson an cupa a thoirt dhachaigh.

Chunnaic na Sgitheanaich sin san iar chuairt dheireannaich nuair a chaill iad 4-1 ris a' Bhaile Ur, ged a bha làmh an uachdair aca 'son chuibhreannan den gheama.

Tha Lòbhat fhèin air a bhith car suas is sìos am-bliadhna.

Le Caomhinn Bartlett - a bha còmhla ri Stiùbhart Dòmhnallach cho cudromach dhaibh sa chuairt dheireannaich an 2015 - air tilleadh dhachaigh a Chabair Fèidh, chaill iad a' chiad dà gheama aca san lìog, is dh'fhuiling iad droinneadh goirt 5-0 aig na nàbaidhean aca Gleann Urchadain an Cupa MhicThàmhais.

Ach tha Lòbhat air tighinn air adhart tron t-seusan.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Lòbhat ag amas air Cupa na Camanachd a bhuannachadh an treas turas.

Tha iad a' dol a-steach dhan chuairt dheireannaich is iad air na 6 geamaichean mu dheireadh aca a bhuannachadh.

Rinn iad a' chùis air a' Bhaile Ùr mar-thà am-bliadhna, is tha iad air buillean a thoirt orra uaireanan eile anns na seusanan a chaidh seachad.

Tha Greg MacMhathain fut agus ann an sunnd is sùil aige, shaoileadh tu, air brath a ghabhail air tuill sam bith a dh'fhaodadh a bhith ann an loidhne dìon a' Bhaile Ùir.

Agus Stiùbhart Dòmhnallach eadar na puist - fear glèidh cho math 's a tha ann an iomain - is esan ag amas air na mìorbhailean a sheall e air an là mhòr an 2015 a thaisbeanadh a-rithist.

Tha Lòbhat, tha e coltach, a' dol a-steach dhan gheama seo ann an suidheachadh nas cinntiche na am Baile Ùr.

Sgeulachd eile gu bhith aig ballachan stand iomraiteach a' Bhucht ma-thà, ach an ann am Baile Ùr an t-Slèibh no Cill Taraglain a bhios am pàrtaidh oidhche Shathairne?

Cluinnear an geama Disathairne beò air BBC Radio nan Gàidheal, am prògram bho 1.30f is an geama fhèin bho 2f.

Bidh e cuideachd ri fhaicinn air BBC 2 Scotland bho 1.45f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile