Fear fo chasg cunnart drabastachd sa chùirt

  • 27 An t-Sultain 2017
Cùirt an t-Siorraidh ann an Steònabhagh Image copyright Google

Nochdaidh fear ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh Dihaoine 's e air aideachach dà chasaid gun do bhrist e òrdugh casg cunnart drabastachd.

Chuirear an duine an grèim an t-seachdainn sa chaidh fo chasaid gun do dh'fheuch e ri toirt air nighean, ochd bliadhna dh'aois, a thighinn còmhla ris dhan taigh bheag ann am bùth a' Cho-op ann an Steòrnabhagh.

Bha an duine fo òrdugh-cùirt ga chasg bho a bhith a' bruidhinn neo a bhith a' dol faisg air pàiste sam bith, fo aois 17 bliadhna.

Chaidh poilis a ghairm gu bùth a' Cho-op ann an Steòrnabhagh Diardaoin a chaidh 's iad air fios fhaighinn gun do dh'fheuch fireannach ri nighean, ochd bliadhna a dh'aois, a thoirt leis dhan taigh bheag.

Fhuair na poileas lorg air an duine air Rathad MhicMhathain faisg air làimh.

Nochd Micheal Mason, aois 19 bliadhna, sa chùirt an ath latha far an do dh'aidich e gun do bhris e òrdugh casg cunnart drabastachd.

Tha an t-ordugh ga chasg bhon a bhith a bruidhinn ri, neo a' dol faisg air pàiste sam bith fo aois 17 bliadhna.

Dh'aidich e cuideachd gun do rinn e seo agus e ma sgaoil air urras.

Tha Mgr Mason air a bhith fo òrdugh casg chunnart drabastachd bho 2015.

Nochdaidh e anns a' chùirt a-rithist madainn Dihaoine.