Gluasad gus taighean-sòisealta a thogail air an tuath

  • 27 An t-Sultain 2017
Taighean HHP Image copyright HHP
Image caption Chaidh na daghaighean seo le HHP ann am Bruach Màiri air iomall Steòrnabhigh a chriochnachadh ann an 2015.

Dh'aontaich Comataidh Coimhearsnachdan agus Taigheadais Comhairle nan Eilean Siar gur ann an sgìrean dùthchail a bhios a' mhòr-chuid de thaighean sòisealta a thèid a thogail sna beagan bhliadhnaichean ri teachd.

Chaidh am moladh a chur air adhart le Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

Tha e ag ràdh gu bheil e bunaiteach airson sgìrean dùthchail ath-bheothachadh 's iad a' fulang le crìonadh sluaigh.

Tha dùil gun cosg a' Chomhairle £45m air a' phrògram thaigheadais thar còig bliadhna.

Thèid na taighean a thogail le Compàirteachas Taigheadais Innse Gall (HHP) a tha air a bhith an urra ri taighean-màil na sgìre bho 2006.

Coimhearsnachdan

Sna bliadhnaichean mu dheireadh chaidh a' chuid as motha de na taighean ùra a thogail ann an Steòrnabhagh neo faisg air.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheilear a' faicinn a-nis gu bheil daoine airson fuireach sna coimhearsnachdan aca fhèin agus gur e obair le tuarastal reusanta an ath rud a tha iad ag iarraidh.

"Tha iad a' feumachdainn, chan e taigh idir, ach dachaigh far am bi iad a' fuireach le an teaghach airson iomadach bliadhna.

"Sin an rud a tha a' dol a chur taic ri na coimhearsnachdan iomallach againn, agus gu ruige seo tha na daoine air a bhith gan tarraing a-mach às na sgìrean iomallach a-steach chun a' mheadhain.

"Tha sinne a' dèanamh gearain gu leòr mun Riaghaltas ann an Dùn Èideann agus ann an Lunnainn gu bheil meadhan Alba a' tarraing dhaoine a-steach san aon dòigh 's a tha sinn ag ràdh gu bheil Inbhir Nis a' tarraing dhaoine a-steach às na h-eileanan agus às a' Ghàidhealtachd air sgàth gur ann an sin a tha na goireasan gu lèir.

"Feumaidh sinn sin atharrachadh ma tha sinn a' sùileachadh air dòigh sam bith atharrachadh a thoirt air dè an àireamh sluaigh, agus dè na h-aoisean a bhios an sluagh a bhios a' fuireach a-muigh air an iomall," thuirt e.

Image copyright HHP
Image caption Tha na taighean seo ann an Liùrbost air na Lochan mar phàirt de sgeama anns a bheil 8 dachaighean a chaidh a chrìochnachadh ann an 2014.

Tha Mgr Dòmhnallach gu math làidir den bheachd gu bheil iarrtas ann airson taighean a-muigh air an tuath agus gun tèid an lionadh gun trioblaid sam bith.

Dh'aontaich Comataidh Choimhearsnachdan agus Taigheadais na Comhairle Dimàirt gur ann air an tuath a dheadh 55% de na taighean ùra a thogail le 45% a' dol suas ann an Steòrnabhagh neo air iomall a' bhaile.

Sa Chomhairle mu dheireadh chaidh còrr is 66% de na taighean ùra an-àirde ann an sgìre thaigheadais Steòrnabhaigh, a tha a' gabhail a-steach a' chuid as motha den Bhagh a Tuath cuideachd.

'S e dìreach còrr is 33% a chaidh a thogail sa chòrr de na h-eileanan air fad.

Thèid a' chùis a-nis mu choinneimh Comataidh a' Phoileasaidh agus an Stòrais agus an Làn-Chomhairle an ath-sheachdain.