Co-dhunadh mu ionad-stiùiridh nam poileas

  • 26 An t-Sultain 2017
Seacaid oifigear poilis

Thèid iarraidh air Ùghdarras Poilis na h-Alba cead a thoirt do mholadh ionad-stiùiridh nam poileas ann an Inbhir Nis a dhùnadh aig coinneimh sa bhaile Diardaoin.

Tha na poilis ag ràdh gum bi an t-seirbheis a tha a' làimhseachadh teachdaireachdan 999 agus 101 nas seasmhaiche le mar a tha iad ga gluasad gu ionad ùr ann an Dùn Dè.

Bidh an t-ionad ann an Dùn Dè a' làimhseachadh nam brathan-fòn sa cheann a tuath air fad.

Tha dragh air cuid, ge-ta, gun tèid eòlas ionadail a chall.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg na tha air dragh a thogail mu phlana Poilis Alba.

Thuirt an fheachd gum bi e nas fhasa dhaibh dèiligeadh ri tachartasan mòra.

Ionad stòr-data

Aig a' choinneimh Diardaoin thèid iarraidh air bòrd Ùghdarras Poilis na h-Alba cuideachd beachdachadh air pròiseact eile gus Ionad Stòr-data Nàiseanta a stèidheachadh.

Bhiodh sin suidhichte ann an Inbhir Nis agus Baile Ghobhainn.

Thog Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhaibhidh, dragh mu a sin cuideachd, leis gun deach a ràdh sa chiad àite gur ann an Inbhir Nis a mhàin a bhiodh an t-ionad.

Bhiodh luchd-obrach oifisean an ionaid a' sgrùdadh an stòr-data dha oifigearan air feadh Alba 24 uairean sa latha.

Ma thèid gabhail ris a' phlana sin thuirt Poilis Alba gun deadh obair a thabhann dhan h-uile neach-obrach air a bheil a bhith a' dùnadh an ionaid-stiùiridh a' toirt buaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo