Luaidh ann am bùrn trì bun-sgoiltean ann an Moireibh

  • 26 An t-Sultain 2017
Bun-sgoil Phort Chnocaidh Image copyright Google
Image caption Tha Bun-sgoil Phort Chnocaidh am measg nan trì sgoiltean far an deach luaidh a lorg sa bhùrn.

Fhuairear luaidh ann an siostam an uisge aig trì bun-sgoiltean ann am Moireibh.

Chaidh botail uisge a thoirt do sgoilearan fhad sa tha oidhirpean gan dèanamh faighinn a-mach co às a thàinig an luaidh.

Thuirt Comhairle Mhoireibh gu bheilear a' dèanamh dheth nach toir an luaidh a chaidh fhaighinn buaidh mòr sa bith air slàinte dhaoine.

Chaidh an luaidh fhaighinn ann an siostaman bùirn Bun-sgoiltean Phort Chnocaidh, Fonn Dhoichtidh agus Port Ghòrdain nuair a chaidh deuchainnean a dhèanamh air an uisge bho chionn ghoirid.

Bha na chaidh fhaighinn anns na trì sgoiltean nas àirde na tha ceadaichte an-dràsta a thaobh riaghailtean.

Deuchainnean

'S ann ann am Bun-sgoil Phort Chnocaidh a bha an ìre às àirde. Chuirear fios gu pàrantan nan trì sgoiltean.

Thuirt Comhairle Mhoireibh gu bheil iad ag obair cho luath sa ghabhas 'son faighinn a-mach cò às a tha an luaidh a' tighinn.

Nuair a thèid fhaighinn, nithear obair as spot airson a chur ceart agus nithear tuilleadh dheuchainnean air an uisge.

Thuirt NHS Roinn a' Mhonaidh gu robh an ìre de chunnart bhon luaidh gu math iosal, agus gu robh e gu math eu-coltach gum biodh droch bhuaidh aige air slàinte na cloinne.