Fearg mun dàil air draibhearan air an A9

  • 26 An t-Sultain 2017
Sreath charbadan a' feitheamh. Image copyright Abeer McIntyre
Image caption Bha Còmhdhail na h-Alba air rabhadh a thoirt gum biodh dàil ann.

Dh'iarr fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd air Riaghaltas na h-Alba rudeigin a dhèanamh an dèidh mar a bha draibhearan a' feitheamh dà uair a thìde aig obair-rathaid air an A9 Diluain.

Thuirt comhairliche Bhàideanach agus Srath Spè, Bill Lobban, nach robh e idir math gu leòr gu robh an obair gus uachdar ùr a chur air an rathad aig Druim Uachdair ag adhbhrachadh uimhir a dhàil air a' phrìomh rathad eadar a' Ghàidhealtachd agus meadhan na h-Alba.

Chuirear stad air an obair-rathaid rè ùine gus am faigheadh an trafaig gluasad nas fheàrr.

Clàr-ama

Tha Mgr Lobban airson 's gun tèid coimhead ri clàr-ama na h-obrach uair eile.

"Tha an t-àm aig Còmhdhail na h-Alba cùisean a chur ann an òrdugh.

"Carson nach urrainn dhuinn an seòrsa obrach seo a dhèanamh tron oidhche?

"Carson a dh'fheumas e a bhith air a dhèanamh tron latha?

"Agus airson cùisean a dhèanamh nas miosa, pìos shuas an rathad tha obair a' dol air adhart airson an rathad a dhèanamh dà-fhillte - obair a bha còir a bhith dèanta bho chionn mìos gu leth - agus chan eil i deiseil fhathast.

"Tha an dòigh a tha Còmhdhail na h-Alba a' làimhseachadh na h-obrach na chùis nàire," thuirt Mgr Lobban.

Bacaidhean sàbhailteachd

An t-seachdainn a chaidh dh'aidich Rùnaire na h-Eaconamaidh, Cè Mac'IlleDhuinn, gu robh dàil ann a bhith a' fosgladh earrann ùr dhan A9 eadar an Aghaidh Mhòr agus Ceann a' Ghiuthsaich.

Chosg an earrann sin 'son an rathad a dhèanamh dà-fhillte £35m ach cha deach fhosgladh mar a bha dùil leis gun deach na bacaidhean sàbhailteachd ceàrr a chur an sàs.

Tha an obair mar phàirt de sgeama an A9 a dhèanamh dà-fhillte eadar Inbhir Nis agus Peairt.

Tha Riaghaltas na h-Alba an dòchas gum bi an obair sin dèanta ro 2025.