Fear a dhìth an dèidh dha a' bheinn chearr a sreap

  • 25 An t-Sultain 2017
Loch Mhonair Image copyright Geograph/Nigel Brown

Thàinig e am follais gun deach fear-coiseachd air chall an dèidh dha beinn eadar dhealaichte bhon tè a bha dùil aige a dhol suas a sreap air Ghàidhealtachd.

Chaidh Sgioba Teasairginn Beinne Dhùn Dòmhnaill a ghairm mu 22:00 oidhche Haoine an dèidh dhaibh fios fhaighinn gu robh duine a dhìth ann an sgìre Loch Mhonair.

Bha heileacoptair le na maoir-chladaich a-muigh tron oidhche cuideachd.

Chaidh sgiobaidhean teasairginn beinne Dhun Dòmhnaill agus Inbhir Lòsaidh, a thuilleadh air sgiobaidhean bho Sarda Scotland a-mach nuair a thàinig solas an latha Disathairne.

Fhuairear lorg air an duine sa sgìre feasgar Disathairne.

Chomhairlich sgioba Dhùn Dòmhnaill do luchd-coiseachd clàr Ordnance Survey a thoirt leotha nuair a tha iad a-muigh, seach a bhith a' crochadh air mapaichean air fònaichean.