Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha còmhraidhean mu bhuaidh Bhrexit air Alba a' dol air adhart ann an Lunnainn. Tha Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, agus am Ministear airson Bhrexit, Mike Russell, a' togail dhraghan leis an Rùnaire Stàite, Damian Green, mu bhuaidh Bile Bhrexit air fèin-riaghladh.

Tha a' cheathramh chuairt de chòmhraidhean Bhrexit a' tòiseachadh anns a' Bhruiseil an-diugh cuideachd, trì là an dèidh òraid Theresa May ann am Florence, far an do dh'fheuch i ri spionnadh às ùr a chur anns na còmhraidhean. Bidh a' chiad chothrom aig sgioba an Aonaidh Eòrpaich an-diugh am beachdan a thoirt seachad air òraid a' Phrìomhaire anns an do mhol i fuireach gu h-eadar-amail anns a' Mhargaidh Shingilte airson dà bhliadhna an dèidh Bhrexit, le gealltanas cuideachd gun cumadh Breatainn ris na cùmhnantan ionmhais.

Co-labhairt nan Làbarach

Chaidh an Seansalair Dùbhlannach, John McDonnell, às àicheadh gu bheil ceannardan Làbarach a' feuchainn ri cuspair Bhrexit a sheachnadh aig co-labhairt a' phàrtaidh. Bidh deasbad ann an-diugh air àite Bhreatainn anns a' Mhargaidh Shingilte, ach cha bhi bhòt ann. Thuirt Mgr McDonnell, ged a bhòt mòran anns a' phàrtaidh airson fuireach anns an Aonadh Eòrpach, gun robh mòran ann a bha ag iarraidh a-mach às a' Mhargaidh Shingilte.

A' Ghearmailt

Tha Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, a chaidh a thaghadh airson a' cheathramh turais, a' cur riaghaltas na co-bhanntachd ùire air dòigh. Ged a ghlèidh pàrtaidh an CDU aice an àireamh as motha de na seataichean sa Phàrlamaid tha bliadhnaichean mòra ann bho bha earrann bhòt an CDU cho ìosal. Tha pàrtaidh na fìor-làimh deis, an AfD, a bha san treas àite a' faighinn àiteachan anns a' Phàrlamaid airson a' chiad uair.

Iapan

Tha Prìomhaire Iapan a' gairm taghaidh thràth 's e ag amas air teirm eile os cionn na dùthcha aig a bheil an treas eaconamaidh as motha air an t-saoghal. Thèid Pàrlamaid na dùthcha ma sgaoil Diardaoin. Thuirt Shinzo Abe gu bheil taic na Pàrlamaid agus mandat a dhìth air às ùr, airson dèiligeadh ris a' chunnart bho Choirea a Tuath.

An Crom-Lus

Tha buidheann riaghlaidh a' bhuill-choise eadar-nàiseanta, Fifa, a' togail casg air a' chrom-lus air lèintean chluicheadairean. Chuir Fifa càin air Alba, Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath an-uiridh, agus iad ag ràdh gur e suaicheantas poileataigeach a bha sa chrom-lus.