Buidseat a bharrachd do chosnaidhean òigridh?

  • 25 An t-Sultain 2017
Airgead Image copyright PA

Feumaidh Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIE) barrachd airgid a chur mu choinneimh a' bhuidseit a th' aca airson cothroman cosnaidh a thoirt dhan òigridh - a rèir tè a th' air a bhith fad bhliadhnaichean an sàs ann an obair choimhearsnachd.

Bha Agnes Rennie bho Urras Oighreachad Ghabhsainn ann an ceann a tuath Leòdhais, a' bruidhinn agus i aig a' chiad cho-labhairt nàiseanta "A' neartachadh choimhearsnachdan".

"'S e a' cheist a bh' agamsa às dèidh na bhathas air a ràdh a thaobh a bhith a' toirt òigridh a-steach 's a' toirt òigridh air bòrd agus a' toirt cothrom do dh'òigridh tilleadh, gur e aon de na sgeamaichean math math a tha a' ruith tro HIE, 's e sgeama an ScotGrad," thuirt i.

"Cothrom do luchd-ceumnachaidh a bhith a' tilleadh 's ag obair còmhla ri buidhnean de dhiofar sheòrsaichean, agus companaidhean prìobhaideach cuideachd, anns a' choimhearsnachd air feadh Alba, 's air feadh na Gàidhealtachd an seo.

"Agus cuideachd na sgeamaichean eile a tha a' dol a thaobh phreantasachdan.

"Ach 's e fìrinn na cùise, tha thu ag obair le buidseat, agus tha am buidseat air a chur a-mach, agus tha mise a' smaoineachadh, nam biodh barrachd buidseat ann, agus barrachd chothrom, gum faiceadh tu barrachd a' cur airson nan cothroman sin, agus tha thu an uairsin a' faicinn gum faodadh cothroman a bhith air feadh na Gàidhealtachd airson barrachd de dhaoine òga a bhith a' dol an sàs.

"Agus ged nach eil thu a' bruidhinn ach air, 's mathaid ann an cuid de shuidheachaidhean, sia mìosan no naoi mìosan, bliadhna aig a' char as fhaide, chan eil càil air an t-saoghal cho math do dhaoine òga ri bhith a-staigh an lùib saoghal na h-obrach, agus a' faicinn ciamar a tha sin a' dol air adhart," thuirt i.

Thuirt àrd-oifigear HIE gun toir iad sùil air an t-suidheachadh. Dh'innis Charlotte Wright gu bheil sgeamaichean ceumnachaidh agus eile gu math soirbheachail agus gu bheil iad mothachail dha sin.