Ceann Loch Seile air gleus

  • 24 An t-Sultain 2017
Ceann Loch Seile 4 Caol Bhòid 0 Image copyright Gàidhlig Gu Leòr
Image caption Gàirdeachas sa Chlachan Aillseach is Jordan Friseal dìreach air Ceann Loch Seile a chur 4-0 air thoiseach air Caol Bhòid.

Chan eil a dhìth air Ceann Loch Seile ach puing a-nis gus Prìomh Lìog na h-iomain a bhuannachadh 'son a' chiad uair.

Air là eachdraidheil sa Chlachan Aillseach is sluagh mòr an làthair, rinn Seile toiseach-tòiseachaidh làidir.

Le trì mionaidean air a' ghleoc chaidh ball àrd sìos a' phàirc a stiùireadh gu Cè MacRath is dhrill esan slaic àlainn dhan lìon.

Deich mionaidean às dèidh sin bha tadhal eile aig Seile.

Chuir Iain Whyte eadar na puist dha Caol Bhòid stad air oidhirp eile bho Chè MacRath, ach nochd Oliver MacRath gus am ball a chur dhan lìon.

Cothrom

B' e 2-0 a bh' ann aig leitheach ùine ach cha robh an gnothach seachad is an leathad le Caol Bhòid san dàrna leth.

Bha an ath-thadhal gu bhith glè chudromach is b' iad Ceann Loch Seile a fhuair e.

A-rithist chuir Whyte stad air oidhirp, ach rinn Iain MacRath obair ionmhalta gus am ball a bhuannachadh.

Chaidh MacRath seachad air dithis à Taigh na Bruaich is stiùir e am ball an uairsin seachad air Whyte.

Chuir Jordan Friseal crìoch air cùisean dha Ceann Loch Seile le slaic chumhachdach dhan lìon anns na mionaidean mu dheireadh.

Ged a bha cuid den bheachd gun robh 4-0 car cruaidh air Caol Bhòid, b' e feasgar sònraichte a bha seo dha Ceann Loch Seile is dòigh air leth soraidh slàn fhàgail leis an t-seann phàirc aca sa Chlachan Aillseach.

Làmh an uachdair

Tha Seile a-nise dà phuing air thoiseach air Caol Bhòid aig mullach na lìge is iad cuideachd a-nise trì tadhail nas fheàrr dheth.

Feumaidh iad puing bhon gheama mu dheireadh aca an aghaidh Camanachd an Òbain ann an cola-deug a bhith cinnteach air an tiotal.

Às dèidh cho math 's a chluich iad Disathairne, bidh Seile glè dhòchasach gum faigh iad a' phuing a tha a dhìth orra gus eachdraidh a dhèanamh.

Bidh an geama mu dheireadh aig Caol Bhòid ann an dearbh là is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal a' dol a Thaigh na Bruaich.

Feumaidh Caol Bhòid an geama sin a bhuannachadh is a bhith an dòchas gun dèan an t-Òban fàbhar dhaibh.

Sìos

Bidh sgioba Ghlaschu fhèin air ais san Lìog Nàiseanta an ath-bhliadhna às dèidh dhaibh call 4-1 san Òban Disathairne.

Tha Cill Mhàillidh ann an staing mhòr cuideachd is iad air call 6-2 aig an taigh ri Baile Ùr an t-Slèibh.

Tha dà gheama air fhàgail aig Cill Mhàillidh, ge-ta, is cothrom aca fhathast.

B' e deasachadh math a bh' ann dha Baile Ùr an t-Slèibh is cuairt dheireananch Chupa na Camanachd ann Disathairne.

Rinn Lòbhat ullachadh math cuideachd le buaidh 3-1 air Ceann a' Ghiuthsaich.

Bidh aire a-nise air a' gheama mhòr eadar am Baile Ùr is Lòbhat ann an Inbhir Nis Disathairne.

Tuilleadh air an sgeulachd seo