"Soirbhichidh oirthirean coimhearsnachd"

  • 21 An t-Sultain 2017
Oirthir

Tha coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan air sealltainn mar thà gun soirbhich leotha nuair a ghabhas iad sealbh air an fhearrann aca fhèin agus bu chòir an aon chothrom a bhith aca smachd fhaighinn air an oirthir timcheall orra.

Sin a thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, is e a' toirt seachad fianais mu Bhile nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba.

"Cha leig e leas a bhith toinnte. Tha an t-iarrtas a tha sin anns a' bhile, agus tha e air aghaidh a' bhile mar gum biodh, air sgàth 's gu bheil sinne a' faicinn a' chothrom shònraichte a dh'fhaodadh a thighinn dha na coimhearsnachdan againn a thaobh Oighreachd a' Chrùin," thuirt e.

"Tha Oighreachd a' Chrùin air a gluasad mar thà bho Lunnainn gu Dùn Èideann, agus dh'iarradh sinne gun deadh smachd air Oighreachd a' Chrùin a chur a-mach dha na coimhearsnachdan cuideachd, agus dha na h-ùghdarrasan ionadail mar phàirt dheth sin.

"Tha tòrr de na coimhearsnachdan againn, gu h-àraid anns an sgìrean as iomallaiche den Ghàidhealtachd, agus anns na h-Eileanan gu sònraichte, air sealbh a ghabhail air an fhearann air a bheil iad a' fuireach mar thà.

"Agus tha iad air sin a dhèanamh gu ìre mhòir 's iad a' soirbheachadh le sin.

"Chan eil adhbhar sam bith carson nach fhaodadh iad soirbheachadh an aon dòigh leis an àrainneachd mhara, mar gum biodh.

"Tha cothroman mòra a' dol a thighinn an lùib sin, agus bidh barrachd smachd aca air dè na leasachadihean a thèid air adhart mu thimcheall na h-oirthir aca cuideachd air sgàth sin," thuirt e.