Beachdan gan iarraidh air Plana Gàidhlig na Pàrlamaid

  • 21 An t-Sultain 2017
Holyrood Image copyright Gerald Massey/Geograph

Chuir Pàrlamaid na h-Alba co-chomhairleachadh air bhonn Diardaoin mun a' Phlana Ghàidhlig ùr aca.

Tha iad a' brosnachadh luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus daoine aig nach eil an cànan na beachdan aca a thoirt seachad mu na seirbheisean Gàidhlig a tha a' phàrlamaid a' tabhainn.

Thuirt Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Phàrlamaid na h-Alba, Alasdair MacCaluim, gu bheil iad ag iarraidh beachdan a' chluinntinn bhon phoball, bho luchd-obrach na pàrlamaid agus bho bhuill-pàrlamaid air a' phlana.

''Bi an co-choimhearlachdh a' ruith eadar an 21mh den t-Sultain agus an 2mh den t-Samhain.''

''Tha sinn airson cluinntinn bho dhaoine aig a bheil Gàidhlig agus cuideachd bho dhaoine aig nach eil Gàidhlig, oir tha e cudromach gum bi daoine aig nach eil Gàidhlig ga faicinn.''

''Tha sinn airson ur beachdan a' chluinntinn air a' phlana, ge bith dè na beachdan a th' agaibh.''

''Tha seo mar phàirt do dh'Achd na Gàidhlig, agus se amas Achd na Gàidhlig a bhith a cur air adhart na Gàidhlig. Sin na bhios sinn a' deànamh, bidh sinn a' coimhead air an dòigh às fheàrr airson Gàidhlig a chur air adhart.''

Thèid aig daoine air an cuid bheachdan a thoirt seachad le bhith a' lìonadh ceisteachan air loidhne.

Seo an treas Plana Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba.