Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Meagsago

Tha luchd-teasairginn a' feuchainn ri lorg fhaighinn air daoine beò fo sprùilleach thaighean a thuit an dèidh crith-thalmhainn ann am Baile Meagsago agus na sgìrean mu thimcheall. Chaidh còrr is 200 duine a mharbhadh, nam measg co-dhiù 20 clann-sgoile. Chaidh daoine òrdachadh far nan sràidean agus poilis a' feuchainn ri stad a chur air cuid bho a bhith a' goid.

Huracan Maria

Tha Huracan Maria air lagachadh beagan 's i a' gluasad tro thaobh sear a Charibbean. Tha an stoirm an-dràsta mu 50 mìle bho Phuerto Rico. Thuirt Ùghdarrasan nan Stàitean Aonaichte gu bheil i fhathast gu math cunnartach.

Moireibh

Bhàsaich boireannach ann an tubaist-rathaid ann am Moireibh ann an uairean beaga na maidne. Thachair an tubaist le Vauxhall Corsa dearg air a' B9010 eadar Farrais agus Ràthard, mu 01:35m. Bhàsaich an dràibhear, aois 24, aig an làraich. Thugar boireannach eile, 22 bhliadhna, gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain 's i air a goirteachadh gu dona. Chaidh fireannach, 23, a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir, agus thugar fireannach eile, 31, a dh'Ospadal an Dotair Gray ann an Eilginn. Tha an rathad fhathast dùinte fhad 's a tha poilis a' sgrùdadh na làraich. Dh'iarr na Poilis air duine sam bith a chunnaic na thachair a dhol thuca.

Parson's Green

Tha poilis a tha a' rannsachadh boma a spreadhadh air trèana fo thalamh ann an Lunnainn Dihaoine air dithis eile a thoirt an grèim ann an Newport ann an ceann a deas na Cuimrigh. Chaidh fireannach eile a thoirt an grèim anns a' bhaile an-raoir. Tha còignear fhireannach an grèim aig na Poilis an-dràsta.

Brexit

Dh'fhaodadh gum bi grunn thrioblaidean le eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte mura tèid aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air aonta a ruighinn leis an EU mu Bhrexit. Sin a rèir na buidhne eaconamaich Albannach Institiùt Fraser of Allander. Anns an aithisg ràitheil aca tha iad ag iarraidh air ministearan Westminster innse gu soilleir dè na cumhachdan a thèid a ghluasad gu Holyrood às dèidh do Bhreatainn an EU fhàgail.

Mosstodloch

Thuirt Uisge na h-Alba gun do chrìochnaich iad obair gus sgeama cumhachd grèine mòr a chur an sàs ann am Mosstodloch faisg air Fachabair. Chosg a' bhuidheann £1.2m air a bhith a' cur an sàs phanalan grèine a chruthaicheas cuibhreann den dealan a tha a dhìth airson dà làraich leotha a chumail a' dol. Seo an t-suim as motha a tha Uisge na h-Alba air a chosg gu ruige seo air teicneòlas ath-nuadhachail.