Bùth an Rubha dùinte

  • 19 An t-Sultain 2017
Image caption Bhris cuideigin a-steach dhan bhùth a-raoir

Tha Bùth an Rubha ann an Leòdhas dùinte an-dràsta às dèidh do chuideigin briseadh a-steach innte tron oidhche.

Tha na Poilis a' rannsachadh na thachair agus tha iad air casg a chur air daoine a bhith a' dol a-steach.

Aig an ìre seo chan eil cus cinnt an deach càil a ghoid, ach tha fear de na tha ag obair sa bhùthaidh air a ràdh gun deach cuid den stuth a bh' air na sgeilpichean a thilgeil chun an làir, agus gun deach glainne anns na dorsan a bhriseadh airson faighinn a-steach.

Tha na h-oifisean a tha san togalach dùinte cuideachd gus an tèid rannsachadh nam Poileas a chrìochnachadh.

Tha dùil gum fosgail a' bhùth a-rithist a-màireach.