Seòladair air bàsachadh

  • 19 An t-Sultain 2017

Bhàsaich seòladair, 56, a chaidh fhaighinn gun mhothachadh an dèidh dhan eathar aige car a chur dhith ann an Linne Chrombaigh

Chaidh bàta-teasairginn Inbhir Ghòrdain a chur a-mach mu 4:30f Diluain, ach cha b' urrainn dhi faighinn chun an duine, a bh' ann an uisge gu math eu-domhainn faisg air Ros Cuinn, an ear air Cluba Seòlaidh Inbhir Ghòrdain.

Thàinig air dithis den chriutha a dhol a-steach dhan uisge gus faighinn thuige, agus thug iad gu tìr e gun mhothachadh.

Chaidh a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir le heileacoptair nam Maor-cladaich far an do bhàsaich e.

Chaidh fios a chur gu theaghlach agus thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.