Obair-leasachaidh an A9

  • 19 An t-Sultain 2017

Tòisichidh an ath-chuairt de dh'obair-leaschaidh air an A9 an ath-sheachdain, agus sgrùdadh talmhainn ga dhèanamh air earrann deich mìle eadar a' Chrùbainn Mhòr agus Ceann na Creige.

Thèid a' chuid as motha den obair, a mhaireas mu dheich seachdainnean, a dhèanamh air falbh bhon rathad a th' ann, agus cha toir e buaidh air trafaig.

Ach thuirt Còmhdhail Alba gum bi na h-uimhir de bhuaidh air trafaig aig amannan, le solais-thrafaig gan cur an sàs airson cuid den obair ri taobh an rathaid.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air an A9 air fad a dhèanamh dà-fhillte ron bhliadhna 2025 - ged a tha cuid a' ceasnachadh a' chlàir-ama sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile