Banca sa Chananaich ga dhùnadh

  • 18 An t-Sultain 2017
Soidhne, Banca na h-Alba Image copyright PA
Image caption Tha grunn bhancaichean air dùnadh ann an sgìrean iomallach air a' Ghàidhealtachd

Cha bhi banca sam bith air fhàgail anns an Eilean Dubh, 's Banca na h-Alba a' dùnadh Diluain.

Tha am banca am measg seachd a tha Banca na h-Alba a' dùnadh ann am bailtean na Gàidhealtachd thairis air an ath dhà mhìos.

Tha Banca Rìoghail na h-Alba agus Banca Dhail Chluaidh cuideachd air cuid de na bancaichean aca a chur bhuapa.

Tha Banca na h-Alba ag ràdh gu bheil na dòighean anns am bi daoine a' làimhseachadh an cuid airgid air atharrachadh - 's barrachd dhaoine a' roghnachadh na gnothaichean ionmhais aca a chur air dòigh air-loidhne.

Ged a dhùineas inneal-airgid a' bhanca cuideachd, bidh co-dhiù aon inneal-airgid air fhàgail sa bhaile 's sin air a ruith le companaidh phrìobhaidich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile