Boireannach a dhìth an dèidh teine an Inbhir Nis

  • 15 An t-Sultain 2017

Dhearbh Seirbheis Smàlaidh na h-Alba gu bheil boireannach, 71, a dhìth an dèidh teine ann an Inbhir Nis.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm chun an teine aig taigh sa bhaile tràth sa mhadainn Dihaoine.

Fhuair iad gairm èiginn mun teine air Rathad Bhruach an Eilein mu 1.55m.

Chaidh ceithir carbadan smàlaidh chun na làraich, agus ged a fhuair iad smachd air an teine, chaidh an taigh a sgrios.

Thuirt an t-Seirbheis Smàlaidh gu bheil iad a' rannsachadh na thachair, ach gu bheil iad dhan bheachd gun robh am boireannach am broinn an taighe nuair a thachair an teine.

Chaidh fios a chur air a teaghlach, agus tha an obair rannsachaidh a' leanntainn.

Cha deach duine sam bith eile a goirteachadh san teine.