Fios air na Poilis mu thàmailt an Inbhir Narann

  • 14 An t-Sultain 2017
Hardeep Singh Kohli Image copyright Paul Johnston

Chaidh fios a chur air na Poilis mu thàmailt a thugadh air aoidh aig Fèis Leabhraichean is Ealain Inbhir Narann, Hardeep Singh Kohli.

Bha am fear-àmhachdais agus craoladair, a tha a-nis air a dhol na chòcaire, Hardeep Singh Kohli, a' dèanamh taisbeanaidh chòcaireachd coiridh aig an fhèis feasgar Dimàirt, nuair a dh'eugh cuideigin san luchd-amhairc air.

Dh'eugh an còrr den luchd-amhairc gus a ghuth a mhùchadh.

Ann am brath a dh'fhoillsicheadh air duilleag Facebook na fèise, thuirt Mgr Kohli: "Bha spòrs mòr agam ann an Inbhir Narann, air mo chuairteachadh le daoine blàth, aoidheil.

"Chan urrainn do ghloicealachd aon duine am blàths a dh'fhairich mi, no taic mo charaidean an Inbhir Narann a mhilleadh."

Thuirt luchd-ruith na fèise: "Tha sinn mothachail gun do chuir na chaidh a ràdh tàmailt air daoine.

"Bu mhath leinn a dhèanamh soilleir gu bheil sinn den bheachd gun deach dèiligeadh ris na thachair gu làidir, agus gu dearbhachail nuair a thachair e.

"Air dhuinn bruidhinn airson ùine ri Hardeep Singh Kohli, tha e soilleir gu bheil esan den bheachd gun deach dèiligeadh ris a' chùis gu h-iomchaidh leis gach taobh."

Thuirt iad gun deach fios a chur air na Poilis mu dheidhinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo