Seirbheisean slàinte "gan crìonadh"

  • 14 An t-Sultain 2017
Ospadal Phort Rìgh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Tha a' bhuidheann SOS NHS san Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil e "a' faireachdainn coltach" gu bheil NHS na Gàidhealtachd a' crìonadh sheirbheisean slàinte Ospadail Phort Rìgh a dh'aona-ghnothach.

Tha dùil gun till cùisean chun na h-àbhaist oidhche Ardaoin às dèidh dà oidhche far nach robh seirbheisean-cùraim rim faotainn.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson luchd-obrach fhastadh agus a chumail.

Ach tha Neilian Mhoireach bho SOS NHS mì-thoilichte le mar a tha cùisean a' dol.

"Thug iad gealltanas dhuinn nach biodh atharrachadh sam bith anns na seirbheisean gus an togadh iad an t-ospadal ùr," thuirt i.

"Tha Shona Robison, anns a' Phàrlamaid, cuideachd air gealltanas a thoirt dhuinn nach biodh atharrachadh sam bith anns na seirbheisean a th' againn gus an togadh iad an t-ospadal ùr.

"Nise, tha na seirbheisean againn air falbh, agus a rèir choltais, tha e a' faireachdainn dhuinne mar gum biodh iad a' crìonadh nan seirbheisean againn, agus an uair sin cha bhi càil againn a bhios sinn a' call aon uair 's gun tog iad an t-ospadal ùr," thuirt i.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach bu chòir trioblaid a bhith ann leis an t-seirbheis bho seo a-mach, agus gu bheil iad ag obair san fharsainneachd air fuasgladh fhaighinn dhan trioblaid a th' ann le gainnead luchd-obrach.

Tha nursaichean aig Ospadal Phort Rìgh cuideachd air a bhith a' cuideachadh le còcaireachd agus biadh a chumail ri euslaintich, agus luchd-còcaireachd air an gluasad gu Ospadal an Ath Leathainn.

"Tha fìor dhuilgheadas againn le cion luchd-obrach eadar an dà ospadal, gnothaichean còcaireachd nam measg," thuirt NHS na Gàidhealtachd.

"Mar thoradh air seo, thàinig oirnn luchd-obrach a ghluasad rè ùine gus gnothaichean bìdhe a làimhseachadh aig Ospadal an Ath Leathainn, seach gu bheil barrachd euslainteach againn an sin, agus leis an àireimh bhig de dh'euslaintich a th' againn ann am Port Rìgh, dh'iarradh air na nursaichean cuideachadh.

"Dh'aontaich na nursaichean a' chòcaireachd a dhèanamh leis gu bheil cho beag de dh'euslaintich ann, agus nach e còcaireachd shlàn a th' ann, ach dìreach teasachadh agus frithealadh."

Tuilleadh air an sgeulachd seo