Port Rìgh às aonais seirbheis dhotair

  • 13 An t-Sultain 2017
Ospadal Phort Rìgh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Chan eil seirbheis dhotair, taobh a-muigh nan uairean-obrach àbhaisteach, ri fhaotainn san ospadal ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Dh'innis Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd gur e cion luchd-obrach a bu choireach.

Tha an naidheachd a tha seo a' tighinn agus ceithir ospadalan air Ghàidhealtachd dùinte do dh'euslaintaich ùra - ospadal Phort Rìgh nam measg.

Dh'innis bòrd na slàinte nach bi seirbheis meidigeach taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach ri fhaotainn aig Ospadal Phort Rìgh oidhche Chiadain ri linn an t-suidheachaidh.

Bidh seirbheis ri fhaotainn aig Ospadal an Ath Leathainn.

Thabhainn manaidsear an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus taobh Siar Rois a leisgeul.

Thuirt Ceit Earnshaw nach biodh e idir sàbhailte an t-seirbheis a thabhainn.

Thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach na sgìre, Ceit Fhoirbeis, gur e "suidheachadh dòrainneach agus maslach" a th' ann uile gu lèir.