Parcadh an-asgaidh an Inbhir Nis?

  • 12 An t-Sultain 2017
Inbhir Nis
Image caption Tha an sgeama ag amas air brosnachadh a thoirt do ghnìomhachasan ann am meadhan a' bhaile

Thathar a' moladh sgeama parcaidh ùr ann an Inbhir Nis a leigeadh le dràibhearan parcadh an-asgaidh airson suas ri cairteal na h-uarach.

Tha seo ann an oidhirp barrachd dhaoine a thàladh a-steach gu meadhan a' bhaile.

Thèid iarraidh air comhairlichean taic a chur ris a' phlana airson sgeama pìleat a mhaireas bliadhna.

Dh'fhaodadh gun deadh àiteachan parcaidh ùra a chur mu seach cuideachd.

Chuir Dàibhidh Richardson bho mheur na Gàidhealtachd de Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga fàilte air a' mholadh 's e ag ràdh gun do shoirbhich le sgeama de a leithid ann am Peairt.