Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

12 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìre na h-atmhorachd

Dh'èirich ìre na h-atmhorachd gu 2.9% air a' mhìos seo chaidh, a' cur cuideam a bharrachd air teachd-a-steach dhaoine. Tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gu bheil gnothach mòr aig mar a chaill an not luach as dèidh referendum an Aonaidh Eòrpaich, ri mar a tha prìsean ag èirigh.

Laghan Eòrpach

Tha am Pàrtaidh Làbarach ag ràdh gum feuch iad ri atharrachadh a thoirt air bile an Riaghaltais a bheireadh laghan Eòrpach a-steach a lagh na Rìoghachd Aonaichte, nuair a ruigeas an reachdas an ath-ìre sa phàrlamaid. Chaidh an reachdas tron chiad ìre sa phàrlamaid ann an uairean beaga na maidne. Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gu bheil e mar dhòigh air cumhachd a thoirt air falbh bha na Riaghaltasan tiomnaichte. Tha Riaghaltas Westminster ag ràdh gum faigh Riaghaltas na h-Alba cumhachdan a bharrachd às dèidh Brexit.

Obraichean-lannsa

Bha NHS nan Eilean Siar, na Gàidhealtachd 's Roinn a' Mhonaidh am-measg nan sgìrean an Alba far an robh nas lugha obair lannsa sa chiad leth dhen bhliadhna. Tha na figearan ùr a' dèanamh coimeas eadar na sia mìosan aig toiseach na bliadhna 's an aon àm an uiridh. Fhuair iad gu robh 14,000 nas lugha chùisean lannsa ann an Alba.

Irma

Tha Rùnaire nan Dùthchanan Cèin, Boris Johnson, a' dèanamh air a' Charibbean a dh'fhaicinn dha fhèin an cron a chaidh a dhèanamh air na sgìrean le ceangal ri Breatainn a chaidh a sgrios le Hurricane Irma. Tha gearan ann nach eil cobhair air daoine a' ruighinn luath gu leor 's nach eil stuth ga lìbhrigeadh ann an dòigh eifeachdach.

Taigh-òsta

Tha luchd-leasachaidh a th'air cùl planaichean airson taigh-òsta spaideal a dhèanamh den t-Seann Àrd Sgoil Rìoghail an Dùn Èideann a' dol a dhèanamh ath-thagradh an aghaidh co-dhùnadh na Comhairle cead-dealbhachaidh a dhiùltadh dhan phlana. Tha an làrach air cnoch Challtainn air a bhith bàn fad còig bliadhna deug. Tha Duddingston House Properties agus Urbanist Hotels airson a leasachadh. Chur luchd-glèidhteachais an aghaidh nam planaichean ge-tà, 's dragh ann mun mheud.

Goireasan spòrs

Beachdaichidh Comataidh Dealbhachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd a-measg eile an-diugh, air plana raon spòrs ùr a thogail ann an Dùn Bheagan. Tha Comann Spòrs Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich a' feitheamh fios, 's moladh air beulaibh na Comhairle am plana a cheadachadh. Tha dòchas ann cuideachd gun tèid sgoil ùr a thogail ri taobh na làraich.

Sir Peadar Hall

Chaochail Sir Peadar Hall a bha a-measg nan ainmean as motha ann an theatre am Breatainn. Bha e ceithir fichead 's a sia bliadhna a dh'aois. 'S e a stèidhich Companaidh Rìoghail Shakespeare nuair a bha e naoi bliadhna fichead de dh'aois. Bha e an uairsin na stiùiriche air an Theatre Nàiseanta.