Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Rùnaire Bhrexit, Dàibhidh Davis, ag iarraidh air Buill-Phàrlamaid taic a chur ris a' bhile a tharraingeas Breatainn a-mach às an Aonadh Eòrpach. Tha mòran anns na Cumantan - cùl-bheingearan Tòraidheach nam measg - air teagamhan a thogail mun bhile 's dà là de dheasbad air thoiseach orra. Tha am Pàrtaidh Làbarach, agus an SNP, agus na Lib-Deamaich air a dhèanamh soilleir gum bhòt iadsan na aghaidh, 's iad ag argamaid nach eil ann ach an Riaghaltas a' feuchainn ri cumhachd fhaighinn air a h-uile càil iad fhèin.

Hurricane Irma

Tha co-dhiù naoinear air am beatha a chall ri linn Hurricane Irma anns a' Charribean, aon de na stoirmean as làidire a chaidh a chlàradh riamh. Chaidh sgrios uabhasach a dhèanamh air St Martin, 's chaidh 95% de na togalaichean air eilean Barbuda, a mhilleadh buileach glan. Chaidh dealan a ghearradh dheth do chòrr air millean duine ann am Puerto Rico. Tha Irma a-nise a' dèanamh air Cuba is Florida. Chaidh staid èiginneach a ghairm ann an sin, agus thathar a' gluasad dhaoine a-mach às na dachannan aca.

Transocean Winner

Cha robh plana aig a' chompanaidh a bha a' slaodadh a' chlàir-ola an Transocean Winner airson dèiligeadh ri suidheachadh èiginneach sam bith. Chaidh an clàr air na creagan aig Dail Mòr ann an Leòdhas anns an Lùnastal an-uiridh. Chaidh co-dhùnadh cuideachd nach robh uèir slaodaidh ann an deagh staid a bharrachd. Tha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara air an sgrùdadh aca fhoillseachadh air na thachair.

Ospadal a' Bhelford

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd air obair mhionaideach a thòiseachadh air a' ghoireas a dheadh an àite Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan. Thathar mar thà air dragh a thogail gum faodadh na seirbheisean a th' ann an-dràsta a bhith air an lùghdachadh. Tha am Bòrd air maoineachadh a chur mu seach airson ospadail ùir, 's tha dùil gun tòisich obair an ceann trì bliadhna. Thèid a thogail mar phàirt de dh'ath-leasachadh air seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta ann an Loch Abar. Tha 34 leabaidh anns a' Bhelford an-dràsta. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e droch sheansa a bhiodh ann gum biodh barrachd san ospadal ùr, agus gu dearbha gum faodadh nach bi uiread ann.

Siria

Thuirt luchd-oifigeil Sirianach gun tug itealan cogaidh Israelach ionnsaigh air ionadan airm faisg air baile Masyaf air taobh an iar-thuath na dùthcha. Chaidh dithis shaighdearan a mharbhadh. Tha aithrisean anns na meadhanan an Israel a' dèanamh dheth gur ann air ionad ceimigeach a bhathar ag amas.

Mèirle an Steòrnabhagh

Tha na Poilis anns na h-Eileanan an Iar ag iarraidh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh stuth a ghoid à carbadan ann an Steòrnabhagh bho chionn ghoirid. Thachair dà mhèirle eadar 8:00f oidhche Shathairne, agus 08:00m madainn na Sàbaid air Rathad Chnoc nan Gobhar agus Sràid Chèith. Chaidh lorg fhaighinn air cuid de na rudan a chaidh a ghoid, ach tha pàirt den stuth air nach d' fhuaireadh lorg fhathast. Thathar ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic càil amharasach fios a chur chun nam Poileas.