Dragh mu uisge Tholastaidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Chaidh innse do mhuinntir Tholastaidh gum feum iad an t-uisge aca a ghoil

6 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nochd dragh ann an sgìre Tholastaidh ann an Leòdhas mu cho freagarrach 's a tha an tanca às a bheil mòran a' faighinn an cuid uisge.

Lorg deuchainn le Uisge na h-Alba gu bheil e-coli san uisge a th'air a stòradh ann an tanca os cionn a' bhaile agus dh'iarr iad air daoine uisge sam bith às an tap a ghoil.

Tha an aithris seo aig Catriona NicIllinnein