Là mòr san iomain

  • 7 An t-Sultain 2017
Caman is ball

Tòisichidh sreath de gheamaichean a bheir buaidh mhòr air mullach Prìomh Lìog na h-iomain Disathairne, is cothrom cuideachd aig na Sgitheanaich an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh.

Tha Caol Bhòid is Ceann Loch Seile ann an suidheachadh làidir sa Phrìomh Lìog is iad le chèile le 24 puingean bho na 14 geamaichean aca.

6 puingean air ais tha Baile Ùr an t-Slèibh le 18 puingean bho 13 geamaichean.

Feumaidh na trì sgiobaidhean cluich an aghaidh a chèile anns na seachdainean ri tighinn.

Tha e ao-coltach a-nise gun cum am Baile Ùr grèim air an tiotail aca 'son na h-8mh bliadhna ann an sreath.

Fàbharan

Feumaidh iad a h-uile geama a th' aca air fhàgail a bhuannachadh, agus a bhith an dòchas gun leig Ceann Loch Seile is Caol Bhòid às puingean ann an geamaichean eile.

Tha sin a' fàgail ghnothaichean furasta gu leòr dhan Bhaile Ùr nuair a thig Ceann Loch Seile dhan Eilean Disathairne - cha dèan ach 2 phuing a' chùis dhaibh.

Dh'fhulaing am Baile Ùr buille le droinneadh 7-4 bho Chaol Bhòid ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh, ach thog iad iad fhèin 'son faighinn seachad air na Sgitheanaich is àite fhaighinn sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Bha coltas car tana air sguad a' Bhàile Ùir thairis air an dà gheama sin, is bidh cuid a' ceasnachadh a bheil gu leòr aca 'son oidhirp a dhèanamh air an lìog anns na seachdainnean ri thighinn, cho math ri strì ri Lòbhat 'son Chupa na Camanachd a bhuannachadh.

Tha Ceann Loch Seile a' tighinn a-steach dhan gheama ann an sunnd às dèidh trì seachdainnean dheth.

Strì

Às dèidh toiseach tòiseachaidh làidir, bha coltas ann gun robh seusan Sheile a' dol bhuaithe.

Ann am beagan sheachdainnean sa Chèitean is san Òg-Mhìos, leig iad às puingean san lìog is chaidh iad a-mach à Cupa MhicThàmhais is Cupa na Camanachd.

Thill grunnan a bha air an goirteachadh, ge-tà, is chan eil Seile air call bhon uairsin.

Le Caol Bhòid fhathast gus a dhol dhan Chlachan Ailseach, 's dòcha gum biodh Seile riaraichte le puing Disathairne.

Bidh fios aca, ge-tà, gur e cothrom a tha seo buille bàis a thoirt air a' Bhaile Ùr.

Thèid Caol Bhòid fhèin gu tuath Disathairne is iad a' tadhal air Lòbhat ann an Cill Taraglain.

Tha na tadhail air a bhith a' frasadh a-steach do sgioba Thaigh na Bruaich bho chionn ghoirid - 25 anns na 4 geamaichean mu dheireadh aca - is bidh iad 'son 2 phuing a thogail an seo is fios aca gu bheil call air choireigin a' dol a thighinn air a' Bhaile Ùr no Ceann Loch Seile, no an dà chuid.

Dùbhlan

'S e a' cheist, 's dòcha, am bi cluicheadairean Lòbhait a' dol an sàs gu cruaidh feuch àite fhaighinn san sgioba airson cuairt dheireannach Chupa na Camanachd aig deireadh na mìos, air neo am bi iad car faiceallach is leth shùil aca air an là sin.

Tha an dà gheama a' tòiseachadh nas tràithe na an àbhaist - Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann Loch Seile aig meadhan là, is Lòbhat is Caol Bhòid aig 1:30f.

Tha geama fìor mhòr aig bonn na lìge cuideachd is Gleann Urchadain a' cur fàilte air GMA.

Tha cruaidh fheum aig an dà sgioba air na puingean ma tha iad gus fuireach sa Phrìomh Lìog.

San Lìog Nàiseanta nì puing airson nan Sgitheanach ann am Port Rìgh an aghaidh Chabair Fèidh cinnteach gun till iad dhan Phrìomh Lìog an ath-sheusan is an tiotail aca.

Bidh Cabair Fèidh iad fhèin gu mòr ag amas air na puingean, oir fosglaidh doras dhan Ghearasdan ma leigeas Cabers dad às ann am Port Rìgh.