Cead do sheada tràghad Thiriodh

  • 6 An t-Sultain 2017
Seada tràghad Thiriodh

Cha tèid seada tràghad connspaideach ann an Tiriodh a leagail.

Chaidh an seada air tràigh Bhaile a' Mhuilinn a thogail ann an 2015 leis an teaghlach Larg, aig a bheil companaidh surfaidh san eilean.

Thuirt an teaghlach gur e àite sàbhailte a tha san t-seada do dh'òigridh a tha a' dol an sàs ann an surfadh.

Nochd gearanan, ge-tà, gun robh an seada a' dèanamh sgrios air bòichead an àite, is gun deach a thogail gun chead.

Bhòt comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal 4-3 gus an seada a leagail, ach tha ath-thagradh a rinn an teaghlach Larg a-nise air soirbheachadh.

Cho-dhùin oifigear planaidh aig Riaghaltas na h-Alba gu bheil glè bheag de bhuaidh aig an t-seada air an eilean.

Rinn tè de chomhairlichean an eilein, Màiri Sìne Devon, càineadh air a' cho-dhùnadh.

Thuirt i gun deach an seada a thogail gun chead, is gu bheil cunnart ann a-nise gun tèid togalaichean eile a thogail gun chead air tràighean a' chosta an iar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile