Cuireadh gu Rùnaire na Slàinte a dhol a Ghallaibh

  • 6 An t-Sultain 2017
Luchd-iomairt
Image caption Luchd-iomairt à Gallaibh a' togail fianais aig coinneimh de NHS na Gàidhealtachd an-uiridh.

Dh'iarr feadhainn a tha a' strì airson seirbheis slàinte nas fheàrr ann an Gallaibh air Rùnaire na Slàinte coinneachadh riutha anns an sgìre.

Tha a' bhuidheann CHAT ag ràdh nach eil an t-seirbheis ann an Gallaibh aig ìre.

A rèir na buidhne, thàinig air còrr 's 14,000 duine a tha fuireach ann an Gallaibh agus Cataibh a dhol a dh'Inbhir Nis gus dotair fhaicinn an-uiridh.

Tha iad ag ràdh gun robh cuid dhuibh aig ospadal an Rathaig Mhòir airson beagan 's còig mionaidean.

Tha dragh air CHAT cuideachd gum feum tòrr bhoireannach anns an sgìre aca a tha an dùil ri leanabh a dhol a dh'Inbhir Nis.

Tha iad ag iarraidh air Rùnaire na Slàinte, Shona Robasdan, a thighinn a Ghallaibh gus coinneachadh riutha.

Chuir còrr 's 2000 duine na draghan a tha orra mu sheirbheis na slàinte ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd an cèill air cairt bheag.

Chuir CHAT an dàrna leth de na cairtean gu Prìomh Mhinistear na h-Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile