Luchd-Aimsire Beinn Nibheis

  • 5 An t-Sultain 2017
An stèisean as t-samhradh. Image copyright Dealbh : Faic gu h-ìosal.
Image caption An stèisean as t-samhradh.

'Son còrr is 20 bliadhna dh'fhuirich iad aig mullach Beinn Nibheis anns a h-uile seòrsa aimsire a bh' ann.

Bha Luchd-Aimsire Beinn Nibheis stèidhichte aig stèisean shònraichte air mullach na beinne eadar 1883 is 1904.

Eich a' toirt chlachan gu mullach na beine gus an stèisean a thogail. Image copyright Dealbh : Faic gu h-ìosal.
Image caption Eich a' toirt chlachan gu mullach na beine gus an stèisean a thogail.

'S e an obair a bh' aca gach pìos fiosrachaidh mun aimsir a bh' ann a chlàradh, bho cho tè no fuar 's a bha i gu neart is àird na gaoithe.

Chaidh fiosrachadh cuideachd a chlàradh aig ìre na mara faisg air làimh sa Ghearasdan.

A MacFhraing, R.T. Omond is R.C Mossman Image copyright Dealbh : Faic gu h-ìosal.
Image caption Triùir den sgioba: A MacFhraing, R.T. Omond is R.C Mossman.

Air a' cheann thall, chaidh am fiosrachadh air fad a thoirt còmhla ann an còig leabhraichean mòra tomadach le Comann Rìoghail Dhùn Èideann.

Thathas an dòchas a-nise saothair Luchd-Aimsire Beinn Nibheis a chur gu feum às ùr.

An stèisean reòite sa Gheamhradh. Image copyright Dealbh : Faic gu h-ìosal.
Image caption An stèisean reòite sa Gheamhradh.

Tha luchd-saidheans airson am fiosrachadh a chur ann an cruth didseatach.

Bheir seo dhaibh bunait, tha iad ag ràdh, airson tomhas a dhèanamh air atharrachadh na sìde.

Fear aimsir air mullach an stèisein Image copyright Dealbh : Faic gu h-ìosal.
Image caption Fear aimsire air mullach an stèisein.

Tha iad ag iarraidh air an t-sluagh an cuideachadh tron làraich .

Thèid am fiosrachadh air fad a chuireas daoine a-steach a thaisbeanadh aig tachartas aig Dynamic Earth ann an Dùn Èideann eadar an 17mh is 19mh den t-Samhain.

Ionad Rathad Achadh an Todhair Image copyright Dealbh : Faic gu h-ìosal.
Image caption Chaidh fiosrachadh a thional cuideachd aig an taigh seo air Rathad Achadh an Todhair sa Ghearasdan.

Dealbhan uile bho Chruinneachadh Comann Rìoghail na Sìde, mar phàirt de thasglann Oifis na Sìde aig Clàran Nàiseanta na h-Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile