Ceist mu na Comhairlichean Dùthchail

  • 5 An t-Sultain 2017
Crodh

Chaidh càineadh a dhèanamh air Riaghaltas na h-Alba mu Chomhairle ùr Nàiseanta nan Còmhairlichean Dùthchail.

Chaidh a' bhuidheann fhoillseachadh aig Fèill Rìoghail na Gàidhealtachd ann an Dùn Èideann san Òg-Mhìos.

Dh'innis Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùtchail, Fearghas Ewing, gun toireadh a' bhuidheann seachad comhairle air a' bhuaidh air Alba ri linn an EU fhàgail, is molaidhean air sgìrean dùtchail a neartachadh.

'S iad Lorne Crerar is Alison Milne na cathraichean a tha air a' bhuidhinn, is dusan ball ag obair còmhla riutha.

Thuirt am BPA Tòraidheach airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, Dòmhnall Camshron, gum bu chòir riochdaire croitearachd a bhith nam measg.

Dh'innis an Camshronach gun do sgrìobh e gu Fearghas Ewing mun chùis.

Thuirt e gun do dh' fhreagair Mgr Ewing nach robh dùil idir aige ballrachd na buidhne atharrachadh.

"Sglais"

"S e sglais a th' ann dha croitearachd a-rithist", thuirt Niall MacLeòid, a tha na chroitear ann an Leòdhas.

"Chan e seo a' chiad tè, ach tha mi a' faireachdainn tàmailteach dha-rìribh is dìombach nach eil iad a' coimhead ri croitearachd.

"Na h-ainmean a tha mise a' coimhead, chan eil iad a' dol a dhèanamh feum sam bith dha croitearachd.

"Tha a' bhuidheann seo a' dol a dhèanamh feum is tha mi làn cinnteach gu bheil àite is feum againn air buidhinn mar seo, ach tha e dìreach tàmailteach nach eil croitearan a' faighinn comas a bhith air", thuirt e.

Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gun deach buill a chur air Comhairle Nàiseanta nan Comhairlichean Dùthchail a rèir eòlais a fhuair iad bho a bhith a' fuireach agus ag obair ann an coimhearsnachd dùthchail na h-Alba.

Thuirt iad, ged nach deach plana obrach a stèidheachadh fhathast, gu bheil dùil gun iarr a' bhuidheann ùr beachdan bho fharsaingeachd de dhaoine ann an sgìrean is coimhearsnachdan dùthchail is eileanach, riochdairean is coimhearsnachdan croitearachd nam measg.

Dh'iarr iad gun cuir daoine beachdan dhan Chomhairle Nàisanta nuair a bhios a' bhuidheann air obair a thòiseachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile