Uàrd ospadail air fosgladh a-rithist

  • 4 An t-Sultain 2017
Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Chaidh uàrd 7A a dhunadh air an 23mh là dhen Lùnastal

Dh'fhosgail uàrd 7A ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir às ùr às dèidh mar a sgap noro-bhìoras ann.

Chaidh an uàrd a dhùnadh bho chionn ceala-deug nuair a chaidh dearbhadh gu robh ceathrar euslainteach a' fulaing leis.

B' fheudar dhaibh glanadh mionaideach a dhèanamh air an uàrd mus deach fhosgladh a-rithist.

Chaidh iarraidh air daoine fuireach air falbh bhon ospadal ma tha iad fhèin, neo cuideigin a tha a' fuireach còmhla riutha, air a bhith a' dìobhairt neo leis a' bhuinneach anns an dà là mu dheireadh.

Mhol NHS na Gàidhealtachd, leis gu bheil am bhìoras fhathast bitheanta anns a' choimhearsnachd, gum bu chòir do dhaoine air an tig e fuireach a-staigh agus barrachd uisge òl.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile