Cupa Valerie Fhriseil leis an Eilean

  • 4 An t-Sultain 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Caitlin NicIlleathain air a dòigh is na Sgitheanaich air Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh. Dealbh bho Neil G Paterson.

Rinn boireannaich an Eilein Sgitheanaich eachdraidh le Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh 'son a' chiad uair.

Bha Loch Abar air a' chùis a dhèanamh 4-2 nuair a choinnich na sgiobaidhean sa chuairt dheireannaich an-uiridh.

An turas seo bha na Sgitheanaich fada cus ro mhath dhaibh.

Rinn iad toiseach tòiseachaidh làidir, Lorna NicRath le dà thadhal sa chiad fichead mionaid.

Ged a fhreagair Alison Nic a' Phiocair 'son Loch Abair, fhuair NicRath an treas tadhal aice den là 'son an geama fhàgail aig 3-1 aig leathach slighe.

'S gann gun robh an darna leth air tòiseachadh nuair a chuir NicRath tadhal eile is bha an gnothach cha mhòr seachad.

Thàinig tadhal an uairsin à Jenna Pheutan mus do chuir Lorna NicRath crìoch air cùisean leis a' choigeamh tadhal aice den fheasgar.

6-1 dha na Sgitheanaich air a' cheann thall is Cupa Camanachd nam Ban leotha 'son a' chiad turas.

Chaidh Lorna NicRath ainmeachadh mar shàr chluicheadair a' gheama.

Bidh na Sgitheanaich a-nise ag amas air an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh cuideachd is aig a' mhullach an-dràsta.

Feumaidh iad Loch Abar a chluich dà thuras san fharpais sin cuideachd, is tha fios gun tèid iad a-steach dha na geamaichean sin làn misneachd às dèidh na h-Abraich a phronnadh sa chuairt dheireannaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile