Dè seòrsa peinnsein an dàn do dhaoine òga?
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dè seòrsa peinnsein an dàn do dhaoine òga?

1 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha sinn a' cur crìch air an t-sreath againn air peinnseinean, le sùil air adhart gu na tha an dàn do dhaoine òga.

Tha tuairmsean ann gur dòcha gum bi aig daoine a tha nas òige na 30 bliadhna feitheamh gus am bi iad co-dhiù 70 bliadhna a dh'aois mus faigh iad peinnsean na stàite.

Le ceistean mu dè seòrsa luach fiù s a bhios anns a' pheinnsean sin, tha impidh air daoine òga an-diugh, toiseachadh a' sàbhaladh airson peinnsein prìobhaidich bho thoiseach na beatha obrach aca.