Ochd flataichean ùra air Tairbeart

  • 1 An t-Sultain 2017
Tairbeart na Hearadh Image copyright James Allan/Geograph

Thèid ochd flataichean ùra a thogail air an Tairbeart sna Hearadh, agus comataidh dealbhachaidh Chomhairle nan Eilean Siar air aontachadh gu h-aona-ghuthach ris a' phròiseact.

Thèid na flataichean a thogail le Buidhinn Taigheadais Innse Gall (HHP) air làrach seann stèisean phoileas a' bhaile.

"Tha mi fhèin den bheachd gur e naidheachd mhath a tha seo, dhan Tairbeart agus dha na Hearadh gu lèir," thuirt Cathraiche Urras Cheann a Tuath na Hearadh, Calum MacAoidh.

"Tha fhios againn gu bheil iarrtas ann airson tuilleadh dhachaighean air feadh nan eilean gu lèir.

"Tha e math gu bheil na taighean a tha seo a' dol an-àirde, agus gu bheil cothrom gu bhith ann do dhaoine fuireach anns an àite," thuirt e.

Dh'iarradh an t-Urras gun deadh barrachd thaighean a thogail air an fhearann aca, agus tha iad ag iarraidh gun tèid làraichean a mholadh dhaibh.

"A' chuid mhòr den talamh a tha faisg air an rathad ann an ceann a tuath na Hearadh, tha e ann an croitearachd," thuirt e.

"Agus cuideachd timcheall air an Tairbeart fhèin, 's e glè bheag de làraichean a th' air fhàgail faisg air an Tairbeart, no taobh a-staigh an Tairbeirt, air am b' urrainn càil sam bith a bhith air a thogail.

"Agus cuideachd tha e gu math doirbh mòran de thalamh còmhnard fhaighinn an ceann a tuath na Hearadh a tha faisg air goireasan leithid bùirn, agus an dealan.

"Chan eil a' chuid mhòr den talamh uabhasach freagarrach 's dòcha airson sgeama mòr co-dhiù a bhith air a thogail ann.

"Tha sinn a' bruidhinn ris a' Chomhairle, agus ri HHP, agus cuideachd tha sinn airson cluinntinn bho choimhearsnachd sam bith ann an ceann a tuath na Hearadh 's dòcha a bhiodh deònach pàirt den talamh a th' aca a bhith air a chleachdadh airson taighean a thogail air," thuirt e.