Tagraidhean airson lùban Bhearghadail

  • 1 An t-Sultain 2017
Braigh Bhearghadail Image copyright Jim Bain/Geograph

Tha buidheann rathaidean Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh tagraidhean bho chompanaidhean airson obair-leasachaidh luach £9m a dhèanamh air an A9 aig Bearghadal ann an Gallaibh.

Tha am pìos den rathad a tha feumach air leasacahdh gu math cas le droch chòrnairean.

Tha an obair-leasachaidh a dhìth airson an rathad a dhèanamh nas dìriche, agus gheibhear cuidhteas an lùib mhòir air taobh tuath a' bhealaich.

Tha Còmhdhail na h-Alba ag ràdh gun tèid an obair a thòiseachadh an ath-bhliadhna.