Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Rùnaire na Malairt Eadar-nàiseanta, Liam Fox, gu bheil an t-Aonadh Eorpach a' feuchainn ri màl-dubh a dhèanamh air an Rìoghachd Aonaichte mun t-suim airgid 'son dealachadh. Tha an EU 's fhior a' ràdh gu feum adhartas a bhith ann air a' chuspair sin, mus gluais còmhraidhean Brexit gu aontaidhean malairt.

Eirinn a Tuath

Dhiult Sinn Fein tairgse an DUP 'son tòiseachadh as ùr air fèin-riaghladh ann an Eirinn a Tuath. Mhol Ceannard Pàrtaidh Deamocratach an Aonaidh, Arlene Foster, ministearan a stèidheachadh agus còmhraidhean 'son feuchainn air aonta. Thuirt ceannard Sinn Fèin ann an Seanadh Stormont, Michelle O'Neill, nach e tairgse ùr a tha a sin agus gu bheil an DUP a' seachnadh nan cùisean a tha cudromach.

Ceinia

Chuir prìomh chùirt Ceinia às do cho-dhunadh taghadh a' chinn-suidhe air a' mhìos seo chaidh agus chaidh òrdachadh a chumail an rithist an taobh an staigh trì fichead latha. Thuirt ceannard nan dùbhlanach, Raila Odinga, gun do rinn Coimisean an Taghaidh eucoir uabhasach an aghaidh sluagh Cheinia agus gum chòir an cuir dhan phrìosan.

Cion thidsearan

Thuirt Comataidh an Fhoghlaim ann an Holyrood gu feum barrachd a dhèanamh mun trioblaid le cion thidsearan ann am pàirtean de dh'Alba. Thàinig deich moladh thar fhichead bhon chomataidh agus nam measg tha dòighean air an gabh luchd-teasgaisg a thàladh, le airgead a thabhann orra agus uallach na h-obrach a th'orra a ghearradh.

G4S

Chuir a' chompanaidh thèarainteachd phrìobhaiteach, G4S, casg 'son ùine air naoinear den luchd-obrach an dèidh chasaidean mun dol a-mach aig ionad faisg air Gatwick, far am bheil feadhainn air an do dh'fhailnich e comraich fhaighinn dhan cumail mas tèid an cuir a-mach às an dùthaich. Tha am prògram telebhisean, Panorama, a' cumail a-mach gu robh luchd-obrach a' magadh, a' dèanamh droch dhìol agus a' maoigheadh fòirneart air feadhainn a tha an grèim aig Brook House.

Seirbheisean adhair

Thòisich farpais eadar Loganair agus Flybe air feadhainn de sheirbhisean adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean an-diugh. Dhealaich an dà chompanaidh an-uiridh an dèidh dhaibh a bhith a' ruith sheirbhisean còmhla air chùmhnant ochd bliadhna. Tha strì eadar iad mu thràth 'son na faraidhean as saoire air feadhainn de na slighean.

Cion luchd-obrach

Thuirt Àrd-oifigeach Meidigeach na h-Alba gu bheil iad ag obair air fuasgladh dhan èiginn le cion luchd-obrach aig ionad radiology Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhirnis. Sgrìobh dotairean aig an ospadal le dragh mun t-suidheachadh sa roinn, far nach eil duine ann an trì de na h-àrd dhreuchdan consultant.