Mosg a' faighinn cead ann an Steòrnabhagh

  • 1 An t-Sultain 2017
Làrach far an tèid mosg ùr a thogail ann an Steòrnabhagh. Image copyright Google
Image caption Tha an togalach ann am fìor dhroch staid an-dràsta.

Thug comhairlichean cead-dealbhachaidh seachad 'son a' chiad mosg sna h-Eileanan an Iar.

Fhuair a' choimhearsnachd mhuisleamach ann an Steòrnabhagh cead seann togalach air Sràid Sheumais sa bhaile a leasachadh agus a dhèanamh na ionad cràbhach.

Bidh seòmar ùrnaigh sa mhosg, agus seòmar coinneachaidh a ghabhas mu fhichead duine.

Ghluais sia teaghlaichean a bha nam fògarraich à Syria a Steòrnabhagh sna 14 mìosan mu dheireadh.

Dh'fhaodadh gum bi iad sin am measg an luchd-adhraidh a chleachdas an goireas ùr.

Image copyright MJC Inspection and Design Ltd
Image caption Planaichean nan ailtirean airson a' mhoisg ùir.