Cathraiche Bhòrd Coimhearsnachd ùr ChalMac

  • 1 An t-Sultain 2017
Aonghas Caimbeul

Chaidh fear-gnothachais Leòdhasach, Aonghas Caimbeul, fhastadh mar chathraiche air Bòrd Coimhearsnachd ùr ChalMac.

Gheall CalMac am bòrd a stèidheachadh san tagradh aca airson seirbheisean aiseig a' chosta an iar a ruith.

Chaidh cùmhnant ochd bliadhna a thoirt dhaibh sa Chèitean an-uiridh.

Chaidh Brian Fultan fhastadh mar Stiùiriche Conaltraidh Coimhearsnachd agus Luchd-ùidhe, dreuchd a chaidh a stèidheachadh cuideachd mar thoradh air a' chùmhnant ùr.

Bòrd ùr

Thuirt Mgr Fulton gu robh e cudthromach an neach ceart fhaighinn airson dreuchd a' chathraiche.

"Le taic bho Aonghas thèid dusan neach eile fhastadh mar bhuill air a' bhòrd.

"Bha sinn air ar dòigh le ìre nan tagraichean airson gach cuid, dreuchd a' chathraiche agus buill a' bhùird, thuirt e.

Thathas an dòchas gun tèid a' chiad choinneamh a chumail san Damhair.

Tha Mgr Caimbeul a' ruith companaidh reic connaidh ann an Steòrnabhagh.

Bha e na chomhairliche eadar 1999 agus 2017 agus na cheannard air a' chomhairle anns na naoi bliadhna mu dheireadh dhan a sin.

Conaltradh

Thuirt e gu robh e air a dhòigh gun deach fhastadh mar chathraiche air a' bhòrd choimhearsnachd ùr.

"Bidh barrachd chonaltraidh eadar a' chompanaidh agus na coimhearsnachdan a tha iad a' frithealadh ri linn a' bhùird ùir.

"Tha mi a' dèanamh fiughair ri a bhith ag obair còmhla ri buill ùra a' bhùird airson dèanamh cinnteach gu ruig sinn a h-uile ceàrnaidh dhan sgìre againn agus gun tog sinn air na cuspairean a tha cudtromach do na coimhearsnachdan againn," thuirt e.

'S e dreuchd neo-eisimeileach, phàighte a tha san obair.

Coinnichidh am bòrd coimhearsnachd dà thuras sa bhliadhna agus cha bhi CalMac air a riochdachadh ann.