Dithis air an leòn ann an tubaist rathaid

  • 31 An Lùnasdal 2017

Chaidh draibhear motar-baidhseagail a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist rathaid air Ghàidhealtachd.

Thachair an tubaist le dà mhotar-baidhseagal agus Porsche 911 dearg air pàirt de shlighe thurasachd an NC500 ann an Asainte.

Sann an-diugh a dh'fhoillsich na poilis fiosrachadh mun tubaist a thachair feasgar Diciadain air an A837 tuath air ceann-rathaid An Leòthaid Mhòir.

Chaidh an dithis bhoireannach, aois 22 agus 23, a bha le na motar-baidhseagalan a sgèith dhan ospadal ann an Steòrnabhagh.

Ach thugar am boireannach, aois 23, gu Ospadal na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu an uairsin airson leigheis.

Thuirt na poilis gun deach a goirteachadh gu dona ach nach eil i ann an cunnart a beatha.

Chaidh aithris mu dhraibhear a' charbaid, fireannach, aois 45, a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Tha Poilis Alba airson bruidhinn ri duine sa bith a chunnaic an tubaist.