Gluasad air osrathad cearcall-rathaid Longman

  • 31 An Lùnasdal 2017
Drochaid Cheasaig
Image caption Tha Drochaid Cheasaig air fàs tòrr nas trainge san fhichead bliadhna mu dheireadh.

Chaidh ceum a ghabhail san oidhirp osrathad a thogail aig cearcall-rathaid an Longman ann an Inbhir Nis.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad an dùil cùmhnant rannsachaidh agus dealbhachaidh a thoirt do chompanaidh innleadaireachd.

Tha an rathad fìor thrang aig ceann a deas Drochaid Cheasaig agus tha e air a mheas cudthromach gun tèid a leasachadh airson gun tig piseach air siostam an trafaig mu chuairt Inbhir Nis.

Dheidheadh an osrathad a phàigheadh le airgead bhon stòras de £315m a tha a' tighinn an cois Aonta Sgìre Baile Inbhir Nis.

Chaidh an treas cuid dhan t-suim sin a chur ma seach airson a' phròiseict, cuide ri ceangal-rathaid taobh siar a' bhaile.

Se amas an dà sgeama ceangalan eadar an A9, an A96 agus an A82 a leasachadh.

Freagairt sheasmhach

Tha figearan oifigeil a' dèanamh dheth gu bheil an trafaig air Drochaid Cheasaig air èirigh dà thrian san fhichead bliadhna mu dheireadh agus tha iarrtas ann gun tèid freagairt sheasmhach fhaighinn airson a' chearcall-rathaid.

A rèir cuid dh'fhàs cùisean nas trainge buileach ri linn solais-rathaid a chaidh a chur an sàs.

Thèid iarraidh air a' chompanaidh innleadaireachd, Jacobs UK, sgrùdadh a dhèanamh air na roghainnean a th'ann 'son an sgeama.

Bidh e an urra riudha cuideachd sgeama dealbhachaidh a mholadh.

Tha dùil gun toir e 18 mìosan an obair sin a dhèanamh.