Dà sgoil Ghàidhlig ùr na amas air Ghàidhealtachd

  • 31 An Lùnasdal 2017
Nighean sgoile

Tòisichidh Comhairle na Gàidhealtachd ag obair air planaichean airson dà bhun-sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh sa sgìre.

Tha seo mar phàirt de dh'amasan an ùghdarrais anns an treas plana cànain aca.

Thèid am plana a-nis a chur gu Bòrd na Gàidhlig.

Tha am plana-sa a' choimhead ris na còig bliadhnachan ri teachd.

Iarrtas

Ged tha dà bhun-sgoil Ghàidhlig ùr sa phlana thuirt oifigear Gàidhlig na comhairle, Mòrag Anna NicLeòid Mitchell, gum feumadh an t-iarrtas a thighinn bho phàrantan mus deidheadh gluasad air adhart leis.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil pàrantan ann an dòigh ag iarraidh seo ach dh'fheumar dearbhadh a bharrachd a bhith againn.

"Dh'fhaodadh 's dòcha seo (na sgoiltean) a bhith ann an Inbhir Nis agus Rois, Inbhir Pheofharain, 's dòcha. Chì sinn mar a bhios na h-iarrtasan seo a' fàs.

"Feumaidh rannsachadh foirmeil tòiseachadh sa chiad dol a-mach. Se an t-amas gum bi rudeigin a' tachairt ach tha tòrr a dh'fheumas a bhith air a dhèanamh, agus tomhas a dh'fheumas a bhith air a dhèanamh mus tig seo gu buil," thuirt i.

Comataidh Gàidhlig

Chan eil comataidh Gàidhlig aig a' chomhairle tuilleadh rud a tha a' cur dragh air luchd-iomairt a' chànain.

An àite sin bidh buidheann le buill agus oifigearan a' coimhead as dèidh a' phlana agus bidh na h-oifigearan ag obair còmhla ri buidheann chorparra na comhairle.

"Tha am plana fhèin mar phàirt de plana corparra na comhairle agus tha sin a' ciallachadh gu bheil seo a' toirt a-steach seirbheisean na comhairle air fad agus tha sin a' toirt a-steach seirbheisean an fhoghlaim, seirbheisean sòisealta, seirbheisean leasachaidh - a h-uile seirbheis a tha aig a' chomhairle fhèin," thuirt a' Bh.Ph. NicLeòid Mitchell.