Sgeama LFASS ga leudachadh gu 2019

  • 31 An Lùnasdal 2017

Leudachaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sgeama taic do thuathanaich agus do chroitearan ann an sgìrean iomallach airson bliadhna eile fhad's a bhios còmhraidhean Brexit a leantainn.

Bha dùil gun tigeadh LFASS gu ceann an ath-bhliadhn', ach thèid maoineachadh de £42m fhoillseachadh Diardaoin a chumas an sgeama a' dol gu 2019.

Thig a chuid mhòr den t-suim sin a dh'Alba far a bheil cothrom aig còrr air 11,000 croitear agus tuathanach air taic fhaighinn bhon sgeama.

Thèid an naidheachd fhoillseachadh leis a' Mhorair Donnchadh, a tha na mhinistear ann an Oifis na h-Alba 's e a' tadhal air Moireibh agus Inbhir Nis.