Cead ga dhearbhadh do thuath-ghaoithe

  • 30 An Lùnasdal 2017
Crann-Gaoithe Image copyright Reuters

Chaill uachdaran ath-thagradh a rinn e an aghaidh cead a thugadh do thuath-ghaoithe ann an Dùthaich MhicAoidh.

Bha am billeanair Dànach, Anders Povlsen air cur an aghaidh a' chead do phlana gus 22 chrann-gaoithe a thogail aig Creag Riabhach, air fearann a th' air a chomharrachadh mar Fhearann Fiadhaich faisg air Allt na h-Airbhe.

'S ann le companaidh Mhgr Povlsen, Wildland Eta, a tha oighreachdan Beinn Laghail, Chinn Loch agus Òb is Mealnais.

'S ann air Oighreachd Allt na h-Airbhe a tha làrach an leasachaidh.

Thuirt am Britheamh, am Morair Boyd Dhùn Ghàsbaith, gur e seasamh Wildland Eta nach bu chòir cead a thoirt do thuath-ghaoithe sam bith air fearann a th' air a chomharrachadh mar Fhearann Fhiadhaich.

"Dh'fhaodadh gu bheil sin fìor, ach 's e co-dhùnadh poileataigeach a tha sin, seach co-dhùnadh cùirte."

Thuirt am Morair Boyd gun robh poileasaidh dealbhachaidh na h-Alba bho 2014 a' cur dìon gu math nas làidire air Fearann Fiadhaich na bh' ann roimhe, ach thuirt e: "Chan e, ge-tà, dìon buileach an aghaidh leasachaidh sam bith."

Thuirt e gun robh gach leasachadh eadar-dhealaichte a thaobh meud agus làraich, 's gun robh iad a' toirt buaidh dhiofraichte air làraichean agus an àrainneachd.

"Bidh buaidh eadar-dhealaichte air Fearann Fiadhaich aig aon leasachadh, seach fear eile, agus bidh diofar ann cuideachd a thaobh nam buannachdan a dh'fhaodadh tighinn nan cois."

"Chan ann an urra ris a' chùirt a tha e co-dhùnadh a dhèanamh air sin.

"'S e co-dhùnaidhean dealbhachaidh a tha seo, do mhinistearan, stèidhichte air gach cùis fa-leth, a rèir a' phoileasaidh a th' ann aig an àm."

Thuirt an luchd-tagraidh gun robh ministearan air a bhith cunbhalach agus soilleir ann a bhith a' cur dìon air Fearann Fhiadhaich, le bhith a' diùltadh cead do phròiseactan ann an sgìrean eile de dh'Alba.

Adhbhar Bròin

Chaidh a ràdh cuideachd gur e Tuath-Gaoithe Creig Riabhaich a' chiad turas a thugadh cead do "chrainn-ghaoithe choimearsalta air Fearann Fhiadhaich".

"Tha co-dhùnadh na cùirte na adhbhar bròin agus briseadh dùil a th' ann dhuinne," thuirt labhraiche às leth Wildland Eta.

"Na biodh teagamh sam bith ann - tha an leasachadh seo a' cur a-steach gu mòr air sgìre de dh'Fhearann Fhiadhaich eadar Foineabheinn, Beinn Shìth, Arcaill, Beinn na h-Òb, Beinn Laghail agus Beinn Chlibreig - agus bidh an leasachadh mòr tionsgalach seo ri fhaicinn gu furasta bho mhullaichean nam beann sin.

"Tha dùil againn gun gabh an rud ceudna a ràdh mu Shula-bheinn, Cuinneag agus Canaisp ann an Asainnte cuideachd."

Chuir an leasaiche, Tuath-Gaoithe Creig Riabhaich Eta, fàilte air co-dhùnadh na cùirte.

"Tha sinn a-niste a' dèanamh fiughair ri bhith a' toirt pròiseict shoirbheachail gu buil, a chruthaicheas suas ri 72.6MW de chumhachd ghlan, ath-nuadhachail, agus a bheir buannachd leantainneach do choimhearsnachdan cheann a tuath an Gàidhealtachd.

"Bu mhath leam uair eile taing a thoirt dhaibhsan uile a thug taic dhuinn tron phròiseas a bha seo."