Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Làbaraich

Thuirt Pàrtaidh Làbarach na h-Alba gur e Alex Rowley an ceannard a bhios orra airson ùine gus an tèid ceannard ùr ainmeachadh an àite Kezia Dugdale. Thuirt Ms Dugdale, a dh'innis an-raoir gu bheil air an dreuchd fhàgail, gu bheil am pàrtaidh gu math nas làidire a-niste na bha nuair a ghabh ise an obair bho chionn dà bhliadhna. Agus chaidh i às àicheadh gun deach a putadh a-mach às an dreuchd airson na thuirt i ron seo mu cheannas Jeremy Corbyn.

Coirea a Tuath

Tha Coirea a Tuath a' maoidheadh tuuilleadh urchairean a losgadh anns a' Chuan Shèimh an dèidh càineadh bho Chomhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte an dèidh urchar balistic a losgadh os cionn Iapan. Chuir caraidean Choirea a Tuath - Sìona agus an Ruis - an ainm ri moladh an UN gu bheil dol-a-mach Pyongyang "mì-chiatach". Thuirt am Prìomhaire, Theresa May, aig toiseach a turais ann an Iapan, gum feum Sìona gu h-àraid tuilleadh cuideam a chur air Riaghaltas Choirea a Tuath.

Stoirm Harvey

Tha coltas ann gu bheil Stoirm Mhòr Harvey a' call a neirt agus a' gluasad tuath an dèidh sgrios a dhèanamh ann an Teagsas. Chaill còrr is 20 duine am beatha. Tha cuirfiù ann an Houston, am baile as miosa a dh'fhulaing leis gun robh mèirlich a' goid à dachannan dhaoine a theich bho na tuiltean.

Laura Nic an t-Saoir

Tha an deugaire à Barraigh, Laura Nic an t-Saoir, a chaidh a dhroch ghoirteachadh ann an ceannairc Mhanchester anns a' Chèitean, air ais aig a dachaigh. Chaill a caraid, Eilidh NicLeòid, a bha còmhla rithe, a beatha san ionnsaigh. Bha Laura, a tha 15 bliadhna de dh'aois, san ospadal ann am Manchester, agus an dèidh sin ann an Glaschu mus d' fhuair i dhachaigh an-dè.

Drochaid Phort na Bànrighinn

Tha trafaig fìor throm fhathast, agus slaodach, air Drochaid Phort na Bànrighinn air Linne Fhoirthe, a dh'fhosgail tràth sa mhadainn an-diugh. Tha Drochaid Rathaid Fhoirthe, ri a taobh, dùinte airson ùine, gus am fosgail siostam rathaid ùr.

Geòidh Uibhist

Tha Stòras Uibhist ag iarraidh air muinntir an àite iad fhèin feuchainn ri sgian a chur air na geòidh, agus coltas ann nach tig an còrr airgid bho Dhualchas Nàdair na h-Alba airson na h-obrach sin. Sguir an taic-airgid as t-Earrach, agus tha an t-uachdaran coimhearsnachd ag ràdh gu bheil na geòidh nan trioblaid cho mòr 's a bha iad riamh. Tha iad air liosta fhoillseachadh de dhiofar dhòighean, air taobh a-staigh an lagha, air an gabh smachd cur air na geòidh.