Adhartas le taighean falamh Earra-Ghàidheal

  • 30 An Lùnasdal 2017
Taigh falamh ann an Earra-Ghàidheal Image copyright David P Howard/Geograph

Thuirt ceannardan Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad a' dèanamh adhartais ann a bhith a' cur seann taighean a bha falamh gu feum às ùr.

Tha iad air còrr air 300 seann taigh a leasachadh airson a bhith air an cleachdadh a-rithist, thairis air còig bliadhna.

"Tha e gu math fhèin cudromach, a thaobh tha mìle taigh falamh a-muigh an sin ann an sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus tha 3,000 duine ag amharc airson taighean," thuirt Ceannard Poileasaidh Taigheadais na Comhairle, Robin Currie.

"O chionn còig bliadhna a-nise tha sinn an dèidh trì cheud taigh a thoirt a-steach, agus tha daoine a-nise a' fuireach anns na taighean sin.

"'S e rud math a tha seo. Tha mise a' smaointeachadh nach bu chòir taighean a bhith a' seasamh falamh, agus feumaidh sinn an obair seo a thoirt air aghaidh.

"Tha e a' dèanamh diofair mhòir.

"Tha mòran ri dhèanamh, 's tha mi a' smaointeachadh gum bi daonnan taighean a tha falamh anns an sgìre.

"Ach bidh sinne a' cumail a' dol, an dòigh a tha sinn a' dèanamh.

"Agus 's e rud mòr a th' ann Oifigear Dhachannan Falamh fhaighinn airson Earra-Ghàidheal is Bhòid.

"Bidh sin na chuideachadh mòr airson daoine nach eil fhios aca dè an dòigh a thig iad air aghaidh leis na taighean sin," thuirt e.