Mì-thoileachas mu ghoireasan do chiorramaich

  • 30 An Lùnasdal 2017
Ross County is Rangers Image copyright @porthendry
Image caption Bha gearanan ann mu phoilis is stiùbhardan aig Pàirce Ross County Didòmhnaich.

Dh'iarr Comann Luchd-Taic Chiorramach na h-Alba gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air goireasan do chiorammaich aig pàircean ball-coise na dùthcha.

Thàinig an t-iarrtas às dèidh ghearanan gun do sheas poilis is stiùbhardan anns an rathad air luchd-taic chiorramach tron gheama eadar Ross County is Rangers ann an Inbhir Pheofharain.

Thuirt cathraiche Chounty, Roy MacGriogair, gu bheil goireasan "air leth" aca ann do luchd-taic chiorramach.

Gheall e, ge-tà, gun tèid coimhead ris na gearanan.

Dh'innis Poilis Alba cuideachd gum beachdaich iad air an t-suidheachadh.

Thuirt cathraiche Chomann Luchd-Taic Chiorramach na h-Alba, Sandy Riach, gun do thachair an aon sheòrsa rud dha nuair a thadhail e air Inbhir Pheofharain, is Obar Dheathain a' cluiche an sin bho chionn cola-deug.

Thuirt e gun robh e cudromach a ràdh gu bheil Ross County air àite a bharrachd a stèidheachadh do luchd-taic chiorramach bho chionn ghoirid.

Ach thuirt Mgr Riach gur e ceist a tha seo dhan a h-uile cluba ann an Alba, is dh'iarr e gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air na goireasan a th' ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile