Maoidheadh air sealgairean a' ghuga

  • 30 An Lùnasdal 2017
Gugaichean an an Sulasgeir Image copyright Geograph/John M MacFarlane

Dhearbh poilis gu bheil iad air rannsachadh a chur air dòigh an dèidh mar a chaidh maoidheadh ionnsaigh a thoirt air sealgairean a' ghuga.

Tha na fìr an impis tighinn dhachaigh à Sulasgeir an dèidh cola-deug air a' chreig mu 40 mìle tuath air Rubha Robhanais.

Fhad 's a tha na fir air a bhith air Sulasgeir chaidh fòn a chur gu cuid de dhaoine ann an sgìre Nis ann an Leòdhas bho chuideigin nach robh idir deònach an ainm a thoirt seachad no innse cò às a bha iad a' fònadh.

Bha iad a' bagairt gun robh iad a' dol a dhèanamh cron air na daoine a bha a-muigh a' sealg nan gugaichean agus na bha an sàs san traidisean seo.

Bha am pàipear-naidheachd ionadail, Fios, am measg an fheadhainn air an deach fònadh.

Thuirt fear-labhairt dhan phàipear gum feumadh iad gabhail ris gun robh brìgh anns na bha an neach ag ràdh agus gun robh iad airson an luchd-obrach aca agus muinntir Shulasgeir a dhìon, le sin chuir iad fios air na Poilis.

Rannsachadh

Cha robh na Poilis airson cus a ràdh a thuilleadh air gun robh iad a' rannsachadh na cùise agus a' feuchainn ri faighinn a-mach cò a bha air cùl a' ghnothaich.

Cha chanadh iad gu poblach an robh iad fhèin a' smaoineachadh gun robh brìgh anns na chaidh a ràdh.

Tha am BBC a' tuigsinn gun d' fhuaireas a-mach gur ann an ceann a deas Shasainn a bha àireamhan fòn a chaidh a chleachdadh.

Rè nam bliadhna tha cuid de dhaoine agus buidhnean air a bhith a' gearain an aghaidh a' chleachdaidh, ag ràdh gu bheil e an aghaidh chòirichean bheathaichean agus nach eil e idir freagarrach ann an saoghal an là an-diugh.

Tha an sealg ga dhèanamh le cead oifigeil bho Riaghaltas na h-Alba agus làn-thaic Dhualchas Nàdair na h-Alba.