Mì-thoileachas mu ionad stòr-data nam Poileas

  • 30 An Lùnasdal 2017
Inbhir Nis

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, gun tàinig oirre Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a chleachdadh airson fiosrachadh fhaighinn mu phlanaichean Phoileas Alba ionad stòr-data nàiseanta ùr a chur ann an Inbhir Nis.

Dh'innis na Poilis ann an 2014 gun deadh an t-ionad ùr a stèidheachadh ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Chuirear fàilte air sin leis gun robh na Poilis air co-dhùnadh an t-ionad-stiùiridh ann an Inbhir Nis a dhùnadh.

Ach thàinig e am bàrr anns an Ògmhìos am-bliadhna gu bheil na Poilis am beachd dà ionad stòr-data a stèidheachadh, seach an aon, fear ann an Inbhir Nis agus fear eile ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu.

Briseadh dùil

Tha Poileas Alba ag ràdh gu bheil iad air fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad mu na planaichean.

Tha Ms NicDhàibhidh ag ràdh, ge-tà, gu bheil na Poilis a' dol an aghaidh na gheall iad agus nach eil iad air a bhith fosgailte gu leòr mun chùis.

Thuirt i gun robh e na bhriseadh dùil gun tàinig oirre Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a chleachdadh airson argamaidean gnothachais an ionaid fhaighinn.

"Fhuair mi cothrom leth-bhreac dìomhair fhaicinn ann an coinneimh, ach cha d' fhuair mi cead idir a thoirt leam airson na roghainnean a leughadh gu mionaideach.

"Chan e seo an dòigh a bu chòir do chùisean a tha a' buntainn ris a' phoball a bhith air an ruith," thuirt i.

Gheall i a dhol gu Coimiseanair an Fhiosrachaidh ma thèid an t-iarrtas aice airson fiosrachaidh a dhiùltadh.

Coinneamhan

Thuirt Leas-Àrd-Chonstabal Phoileas Alba, Iain Hawkins, gun do choinnich e fhèin agus co-obraichean le riochdairean comhairle grunn thursan, agus gu bheil e mar thà air fiosrachadh dìomhair a thoirt dhan Chomhairle.

Thuirt e cuideachd gun do thabhann e an coinneachadh a-rithist agus gun deach gabhail ri sin.

Thèid iarraidh air Ùghdarras Phoileas na h-Alba co-dhùnadh a dhèanamh mun chùis air an 28mh den t-Sultain.

Ma thèid gabhail ri planaichean nam Poileas tha Mgr Hawkins ag ràdh gum faigh a h-uile duine a tha ag obair dhan fheachd ann an Inbhir Nis obair ann am Poileas Alba.

"Tha na planaichean a' ciallachadh gu bheil 15 oifigearan a bharrachd gu a bhith ag obair ann an coimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus nan Eilean," thuirt e.